Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air aontachadh taic-airgid luach £20,000 a thoirt do dh’Fhèisean nan Gàidheal, a’ bhuidheann a tha a’ toirt taic do agus a’ cur chothroman ionnsachaidh air dòigh airson ceòl traidiseanta, seinn Ghàidhlig agus dràma Gàidhlig. Leis an taic bhon Chomhairle, ’s urrainn do dh’Fhèisean nan Gàidheal maoineachadh a bharrachd a thoirt a-steach; mar thoradh air gach £1 de thaic a bheir a’ Chomhairle seachad, thèid £5.40 a chosg air seirbheisean Gàidhlig san sgìre.