Co-chomhairleachadh Earra-Ghàidheal is Bhòid air Ar Cuid Chloinne, An t-àm ri teachd

Tha sinn airson ar beachdan a shireadh air dè tha foghlam ann an Earra-Ghàidheal is Bòd a’ ciallachadh dhut-sa. Cuidichidh na beachdan seo sinn ann a bhith ag ùrachadh ar Lèirsinn agus Ro-innleachd gus an tig againn air leudachadh air ar coileanasan agus gluasad air adhairt le gealltanas air na builean is fhèarr do ar cuid chloinne is daoin’ òga.

Our Children, Their Future consultation - tell us your views (Gaelic survey)

An Lèirsinn agus Ro-innleachd Làithreach: Ar Cuid Chloinne, An t-Àm ri Teachd

Our Children, Their Future - Education Vision and Strategy

Dh’atharraich Galar Mòr-sgaoilte na Cruinne cùisean dhuinn uile agus ann am foghlam tha fòcas làidir air a bhith againn air feabhas. Le foillseachaidhean nodhach, co-chomhairleachaidhean mar An Deasbad Nàiseanta air Foghlam ann an Alba, tha an t-àm ann meòmhrachadh air dè tha foghlam a’ ciallachadh dhuinn a-nis agus a’ toirt sùil air adhairt. 

Tha Gach Neach-ionnsachaidh ann an Alba Cudromach

All learners in Scotland matter - national discussion on education - summary report

A’ leantainn air na coileanasan againn, tha sinn airson a bhith nas miannaiche dha’r cuid chloinne is daoin’ òga. 

Tha an t-àm ann a-nis, mar dhaoine le ùidh ann am foghlam, ar luchd-ùidhe, ar beachdan a thoirt seachad air dè tha foghlam a’ ciallachadh dhut-sa agus dha’r daoin’ òga agus clann. 

Modh-obrach Càirdeil

Mar dhòigh air na h-uidhir dè bheachdan ‘s a tha comasach a shireadh bho luchd-ùidhe, mar luchd-obrach, sgoilearan, pàrantan is com-pàirtichean, bidh co-chomhairleachadh a’ tòiseachadh anns an t-Samhain. Tha an co-chomhairleachadh seo air a bhith air a chuir ri chèile le taic bho phàrantan, sgoilearan agus luchd-obrach sgoile. Mar phàirt den cho-chomhairleachadh seo, bidh seiseanan aghaidh-ri-aghaidh agus air-loidhne a’ gabhail àite agus ceisteachain, le taic air a thoirt seachad le na buidhnean pàrant agus sgoilear againn agus luchd-obrach sgoile. 

Bidh na beachdan seo a’ cuir dreach ùr air an Lèirsinn agus Ro-innleachd againn. 

Bidh aitreabhan a’ toirt taic ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil fios aig luchd-ùidhe air mar a gheibh iad chun an co-chomhairleachadh agus gam brosnachadh gus cuir ris.

Faodaidh luchd-ùidhe eile cothrom fhaighinn air an co-chomhairleachadh gu h-ealeagtronaigeach tro Sheirbheisean Foghlaim no tron cheangal co-chomhairleachaidh air làrach-lìn Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid. 

Dè a-nis?

Bidh aitreabhan a’ sgaoileadh fiosrachadh  air mar a gheibhear chun an co-chomhairleachadh gu pàrantan, luchd-cùraim agus com-pàirtichean. 

Bidh aitreabhan ag obair le Comainn Phàrant a bhios a’ toirt taic ann a bhith a’ brosnachadh pàrantan agus luchd-cùraim gus cuir ris an co-chomhairleachadh. Bidh e comasach do Chomainn Pàrant seiseanan aghaidh-ri-aghaidh no air-loidhne a chuir air dòigh gus beachdan a shireadh bhon fòram pàrant nas fharsainge agus bidh goireasan taic ri’m faotainn. 

Bidh aitreabhan ag obair le luchd-obrach is daoin’ òga gus cuir ris an co-chomhairleachadh mar dhaoine fa leth agus mar bhuidhnean. Bidh goireasan taic ri’m faotainn. 

Bidh e comasach do phàrantan is daoin’ òga cuideachd cuir ris an co-chomhairleachadh leotha fhèin aig an dachaigh tron cheangal. 

Faodaidh luchd-ùidhe eile fiosrachadh a bharrachd air an co-chomhairleachadh fhaighinn tro Sheirbheisean Foghlaim agus làrach-lìn Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid. 

Did you find what you were looking for?

Why wasn't this information helpful

Limit to 250 characters.