GAELIC - A’ Chomhairle A’ Seasamh An Aghaidh Droch-Dhìol San Dachaigh

Published Date: 

5 Sep 2019 - 15:28

Tha Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid air a gealladh a dhaingneachadh gun dèanar a h-uile dìcheall airson stad a chur air cùisean dìth dachaigh air sgàth droch-dhìol san teaghlach.

Dh’aontaich na buill ri an ainmean a chur ris a’ ghealltanas Make a Stand Pledge. Chaidh an gealltanas Make A Stand Pledge a leasachadh le Chartered Institute of Housing, an com-pàirteachas le Women’s Aid agus Domestic Abuse Housing Alliance, airson iarraidh air buidhnean taigheadais a chur an cèill gun toirear taic do dhaoine a tha a’ fulang droch-dhìol san dachaigh.

 

Thuirt Ceannard Poileasaidh Taigheadais na comhairle, an Comhairliche Robin MacMhuirich: “Bidh sinn ag obair gu cruaidh airson cùisean dìth dachaigh a sheachnadh a bhios ag èirigh ri linn droch-dhìol san teaghlach agus bidh sinn a’ freagairt gu cùramach agus gu h-iomchaidh nuair a bhios a leithid a shuidheachadh a’ tachairt.

 

“Tha droch-dhìol san dachaigh air aon de na cùisean as motha ann an comann-sòisealta an latha an-diugh. A rèir nam figearan, tha Women’s Aid ann an Earra Ghàidheal is Bòid air 68 cùisean fhaighinn bhon Ghiblean am-bliadhna. ‘S e suidheachadh uabhasachadh a tha seo agus ris nach bu chòir dhuinn gabhail.

 

“A thuilleadh air ar n-ainmean a chur ris a’ ghealltanas seo, bidh sinn ag ath-sgrùdadh na Ro-innleachd Ionadail air Taigheadas agus a’ sònrachadh dhòighean eile airson aire an t-sluaigh a thoirt air a’ bhuaidh a th’ aig droch-dhìol san dachaigh. Bidh sinn ag obair le uachdarain shòisealta chlàraichte anns an sgìre airson an com-pàirteachas againn a neartachadh agus airson dèanamh cinnteach gu bheil an dòigh-obrach againn cunbhalach airson gach tagraiche is neach-màil.”

 

Tha ceithir geallaidhean an cois Make a Stand Pledge, agus tha a’ chomhairle a’ coileanadh gach fear dhiubh no an sàs annta an-ceartair. ‘S iad sin:

 

·         Cuir an sàs agus figh a-steach poileasaidh a chumas taic ri luchd-còmhnaidh a tha a’ fulaing ri linn droch-dhìol san dachaigh

 

·         Sgaoil fiosrachadh mu sheirbheisean taic nàiseanta is ionadail air an làraich-lìn agus ann an àiteachan iomchaidh eile gus an lorg luchd-còmhnaidh is luchd-obrach e gu furasta

 

·         Cuir poileasaidh Sgiobachd an gnìomh, no atharraich am poileasaidh a tha ann a-nis, airson taic a chumail ri luchd-obrach a dh’fhaodadh a bhith a’ fulang droch-dhìol san dachaigh

 

·         Cuir tosgaire ann an dreuchd aig ìre àrd sa bhuidhinn airson an gnìomh a ghabhail os làimh a tha a’ cumail taic ri daoine a tha a’ fulang droch-dhìol

 

Lean an Comhairliche MacMhuirich air: “Tha sinn a’ taisbeanadh ar gealltanais, le bhith a’ cur ar n-ainmean ris an aonta seo, gun dèan sinn ar n-uile dìcheall airson taic a chumail ri daoine ann an Earra Ghàidheal is Bòid a tha a’ fulang droch-dhìol san dachaigh.”

To read this press release in English visit: www.argyll-bute.gov.uk/news/2019/sep/council-makes-stand-against-domestic-abuse