Aithisg mhath airson Seirbheis an Fhoghlaim

Published Date: 

13 Aug 2018 - 12:36

 

Tha aithisg adhartais air Seirbheis Foghlaim Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ toirt fa-near do mar a tha ceannas làidir ann, taic a tha air a dealbh a dh’aona-ghnothach do dhiofar sgoiltean, agus do mar a tha an luchd-obrach air cur romhpa piseach a thoirt air an t-seirbheis.

 

Dh’fhoillsich Luchd-sgrùdaidh na Banrigh airson Foghlaim toraidhean an sgrùdaidh aca an-diugh (Dimàirt 31 Iuchar) agus iad air tadhal gus faicinn dè na ceumannan a bha a’ Chomhairle air a ghabhail gus piseach a thoirt air seirbheis an fhoghlaim aca.

 

Bhruidhinn Luchd-sgrùdaidh na Banrigh ri luchd-obrach na Comhairle ann an diofar roinnean de sheirbheis an fhoghlaim eadar luchd-stiùiridh, sgiobaidhean-taice coitcheann, ceannardan-sgoile, tidsearan, òigridh, Ceannard na Comhairle agus an Ceann-Poileasaidh airson Foghlaim.

 

Sna toraidhean aca thug iad fa-near:

 

  • Gu bheil lèirsinn is ro-innleachd na Comhairle, Ar Clann: Na tha an Dàn Dhaibh, a’ toirt stiùireadh soilleir do na planaichean aig Seirbheis an Fhoghlaim gus piseach a thoirt air an t-seirbheis. Leis an lèirsinn seo, tha an ceann-uidhe ann gun obraich an luchd-obrach foghlaim còmhla gus dèanamh cinnteach gun tèid na h-amasan a choileanadh agus gum bi sàr fhoghlam agus co-ionannachd ann don a h-uile duine.
  • Gu bheil an luchd-obrach, fo stiùir bhuadhach Àrd-oifigear an Fhoghlaim, air a bhith ag obair gu cruaidh agus air oidhirpean a bharrachd a dhèanamh gus leasachaidhean a chur an sàs aig gach ìre de sheirbheis an fhoghlaim.
  • Gun urrainn don Chomhairle taic a dh’aona-ghnothach a thoirt do sgoiltean fa leth agus buidhnean de sgoiltean, ri linn an structair a th’ air a’ phrògram aig a’ Chomhairle airson tadhal air sgoiltean gus faicinn dè na leasachaidhean a tha dhìth agus ri linn nam modhan-obrach èifeachdach a th’ ann gus cunnartan a chomharrachadh. 
  • Gu bheil luchd-obrach aig gach ìre air cumail orra a’ cur ris na sgilean agus a’ mhisneachd aca airson a bhith a’ dèanamh feum de mhion-sgrùdadh air dàta gus cuideachadh le bhith a’ dèanamh cinnteach gun cùm clann is daoine òga orra a’ dèanamh adhartas agus gun ruig iad ìrean-coileanaidh nas fheàrr buileach.

 

Cuideachd sna toraidhean tha iomradh air na ceumannan a chaidh a ghabhail mar thaic do dh’adhartas leantainneach:

 

  • Le prògram de choinneamhan gus coimhead air dàta co-cheangailte ri ìrean-coileanaidh agus le seiseanan fiosrachaidh, bidh barrachd chothroman aig comhairlichean sgrùdadh a dhèanamh air sgoiltean agus seirbheis an fhoghlaim san fharsaingeachd.
  • Tha comasan làidir aig an dithis Cheann Seirbheis a chaidh a chur an dreuchd o chionn ghoirid gus cur ri stiùireadh roinn an fhoghlaim air feadh an ùghdarrais. Bheir an luchd-dreuchd seo taic a bharrachd do sgoiltean agus luchd-obrach foghlaim.

 

Thuirt an Comhairliche Yvonne McNeilly, an Ceann-Poileasaidh airson Foghlaim:

 

“’S mòr am miann a th’ againn gus na leasachaidhean a tha dhìth a chur an sàs. Tha sinn airson gum bi àrd-amasan aig òigridh Earra-Ghàidheal is Bhòid, dhaibh fhèin agus don sgìre. Tha sinn air cur romhainn seirbheis foghlaim a thoirt seachad a bheir an taic dhaibh a dh’fheumas iad gus na h-amasan aca a choileanadh.

 

“Tha seo mar phrìomhachas don Chomhairle, agus bha e riamh na amas dhomh mar Cheann-Poileasaidh dèanamh cinnteach gun ruig sinn air a’ cheann-uidhe seo. ’S e dìcheall is dealas ar luchd-obrach foghlaim as motha a nì cinnteach gun tachair seo agus bha riamh làn-mhisneachd againn gun urrainn dhaibh atharraichean a chur an sàs.

 

“Thathar a’ dèanamh an t-uabhas de dh’obair chruaidh aig gach ìre de roinn an fhoghlaim. Tha e a’ toirt toileachas mòr dhomh gu bheil na toraidhean seo a’ sealltainn mar a tha ar luchd-obrach air soirbheachadh ann a bhith a’ toirt piseach air cùisean – mar a tha follaiseach tha iad air aghaidh a chur ris gach dùbhlan, agus tha iad ag obair gu cruaidh gus an t-seirbheis as fheàrr as urrainn dhaibh a thoirt do ar n-òigridh.

 

“Tha ar tidsearan, sgiobaidhean-taice agus sgoilearan air a bhith ag obair còmhla mu thràth gus soirbheachadh agus iad gu tric a’ gleidheadh dhuaisean. Tha sinn airson togail air seo. Tha e fìor chudromach gu bheil na toraidhean a’ sealltainn gu bheil sinn ann an suidheachadh math gus dèanamh cinnteach gun lean an t-adhartas, agus gus togail air ar neartan.

 

“Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri Foghlam Alba a-rithist san ùine air thoiseach a chum maith ar sgoilearan. Tha daoine òga againn ann an Earra-Ghàidheal is Bòd às a bheil sinn moiteil. Tha sinn gu mòr airson taic a thoirt dhaibh, tro sheirbheis foghlaim mhath, gus na h-amasan is miannan aca a choileanadh.”

 

Mar a bhathar an dùil, tadhlaidh Luchd-sgrùdaidh na Banrigh air a’ Chomhairle a-rithist ann an 2018, gus coimhead gu h-àraidh air mar a tha a’ Chomhairle a’ toirt piseach air ìrean-coileanaidh na h-òigridh.

 

DEIREADH

 

Fiosrachadh do Luchd-deasachaidh

 

To read this news release in English, visit: www.argyll-bute.gov.uk/news/2018/jul/good-report-education-service