Tha Comataidh Poileasaidh is Ghoireasan Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air aontachadh iarraidh air Còmhdhail Alba na seirbheisean aiseig riatanach san sgìre a ghabhail os làimh, seirbheisean a tha a’ faighinn subsadaidh luach £1 millean bhon Chomhairle an-dràsta.
Tha e mar uallach reachdail air Còmhdhail Alba dèanamh cinnteach gun tèid seirbheisean aiseig riatanach a thoirt seachad. Tha e buailteach gun robh Comhairle Roinn Srath Chluaidh air a bhitha’ ruith nan seirbheisean beaga, ionadail seo bho thùs agus ghabh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid iad os làimh nuair a chaidh na h-ùghdarrasan aonadach a stèidheachadh.
’S iad na ceithir seirbheisean aiseig a tha a’ Chomhairle a’ ruith an-dràsta:
-
Eisdeal – Saoil;
-
Lios Mòr – Port na h-Apann;
-
Luing – Saoil; agus
-
Diùra – Ìle.
Bidh a’ Chomhairle a’ faighinn beagan maoineachaidh, tro Thabhartas mar Thaic do Chaiteachas, airson nan seirbheisean aiseig, ach tha aig a’ Chomhairle fhèin fhathast ri mu £1 millean a chosg às dèidh dhaibh airgead fhaighinn bho fharaidhean luchd-siubhail.
Ann an 2018-19, fhuair Arcaibh is Sealtainn taic luach £10.5 millean bho Riaghaltas na h-Alba airson a bhith a’ ruith sheirbheisean aiseig airson nan eilean aca, agus gheibh iad sùim cheudna ann an 2019-20. Cha d’ fhuair Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid airgead coltach ri sin fhathast, a dh’aindeoin ’s mar a tha 23 eileanan san sgìre air a bheil daoine a’ fuireach.
Tha còmhraidhean air a bhith a’ leantainn le Còmhdhail Alba mu na seirbheisean seo bho 2013.
Ann an 2017, chuir a’ Chomhairle pròiseas measaidh le sia ìrean a-steach gu Còmhdhail Alba gus cumail ris na cumhachan a dh’fheumar a choileanadh gus seirbheisean aiseig a chur fo sgèith Còmhdhail Alba. Nuair a bha iad a’ feitheamh ri freagairt, sgrìobh oifigearan na Comhairle gu Còmhdhail Alba agus iad ag iarraidh orra beachdachadh air na seirbheisean aiseig aig an aon àm ’s a tha iad a’ beachdachadh air clàr-ama a’ gheamhraidh airson Muile agus air na còmhraidhean a tha a’ dol air an obair a bhios a dhìth air Cidhe Chreag an Iubhair san eilean.
Thuirt an Comhairliche Ruairidh MacCumhais, Ceann-Phoileasaidh airson Rathaidean is Seirbheisean Ghoireasan: “Chan eil sinn ag iarraidh ach gun tèid dèiligeadh rinn ann an dòigh chothromach is cho-ionann.
“Chan eil teagamh sam bith ann nach eil feum aig ar coimhearsnachdan eileanach air na seirbheisean riatanach seo agus cumaidh sinn oirnn gan toirt seachad fhad ’s a nì sinn tagradh airson an cur fo sgèith Còmhdhail Alba. ’S e an suidheachadh a th’ againn, ge-tà, gur i Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid aon de na trì ùghdarrasan ionadail ann an Alba a dh’fhuiling an lùghdachadh a bu mhotha ann am maoineachadh bho 2013/14. Fhad ’s a tha sinn a’ cur taic ris na seirbheisean aiseig riatanach seo, tha sin a’ ciallachadh gu bheil e a’ sìor fhàs nas duilghe dhuinn taic fhreagarrach a chumail ri seirbheisean riatanach eile.
“Mar sin, tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cumail tuilleadh chòmhraidhean le Còmhdhail Alba, leis an amas gum faigh sinn fuasgladh a nì cinnteach gum bi ar coimhearsnachdan eileanach agus ar n-eaconamaidh cho soirbheachail ’s as urrainn dhaibh san ùine air thoiseach.”
You can read this news release in English here: /news/2019/may/council-urges-transport-scotland-take-lifeline-ferries