A’ Mhaoin Thachartasan is Fhèisean a’ sireadh iarrtasan airson 2020-21

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ sireadh iarrtasan airson a Maoin Thachartasan is Fhèisean airson 2020-21.

Dh’aontaich comhairlichean air a’ Chomataidh Poileasaidh is Ghoireasan an-diugh (Diardaoin 15 Lùnastal) ris na sònrachaidhean airson a’ Mhaoin Thachartasan is Fhèisean luach £90,000 a bhuileachadh, agus bithear a’ sireadh iarrtasan eadar Diluain 26 Lùnastal agus meadhan-latha Diluain 7 Dàmhair.

Chaidh am pròiseas a dhèanamh nas fhasa don luchd-iarrtais agus aon mhaoin a-mhàin ann agus an t-suim as àirde a gheibhear stèidhichte aig £5,000.

Bidh cothrom ann do thachartasan ùra is leantainneach suim luach £15,000 a shireadh nuair a tha e soilleir gu bheil cothrom ann luchd-tadhail ùr a tharraing a dh’Earra-Ghàidheal is Bòid. Bidh crìoch nas àirde de £30,000 ann do thachartasan sònraichte nuair as urrainn do thagraichean taisbeanadh gun tèid aig an tachartas còrr is 10,000 luchd-tadhail a thàladh agus còrr is £1 millean a chur ri eaconamaidh na sgìre.

Cha bu chòir gum bi iarrtas nas àirde na 20% de chosgais iomlan an tachartais.

Tha e fa-near don Chomhairle a’ bhuannachd eaconamach as motha a tha comasach fhaighinn às a’ bheagan maoineachaidh a tha ri fhaotainn. Mar sin dheth, bithear ag amas air tachartasan is fèisean ro-innleachdail a tha stèidhichte anns a’ chiad dol a-mach air tàladh luchd-tadhail o thaobh a-muigh na sgìre agus a’ leasachadh na tha tarraingeach do luchd-turais eadar-nàiseanta mu Earra-Ghàidheal is Bòid.

Thuirt an Comhairliche Aileen Morton, Ceannard Poileasaidh airson Leasachadh Seasmhach Eaconamach: “Tha tachartasan is fèisean nam pàirt mhòr de na tha tarraingeach do luchd-turais mu Earra-Ghàidheal is Bòid agus tha sinn uamhraidh moiteil gun urra dhuinn tron Mhaoin seo taic a thoirt do thachartasan. Bidh e farpaiseach mar as àbhaist agus bu mhath leam iarraidh air an luchd-iarrtais an stiùireadh a leughadh gu mionaideach agus cothrom na Fèinne a thoirt do na h-iarrtasan maoineachaidh aca.”

Thathar a’ sùileachadh gum bi barrachd iarrtasan ann na bhios ann de mhaoineachadh anns a’ Mhaoin Thachartasan is Fhèisean ann an 2020-21, mar a thachair ann an 2019-20. Mar sin dheth, feumaidh luchd-iarrtais fianais shoilleir a chur an cèill a dh’innseas carson a tha an tachartas an eisimeil airgead poblach agus ciamar a bhios e na bhuannachd don sgìre.

Faodar iarrtasan don Mhaoin Thachartasan is Fhèisean a dhèanamh air-loidhne aig /events-and-festivals-grants far am faighear stiùireadh cuideachd.

FIOS DO LUCHD-DEASACHAIDH: Thèid a’ mhaoin a bheir taic do choimhearsnachdan agus tachartasan coimhearsnachd nas lugha fhoillseachadh nas fhaide den bhliadhna seo.

This press release is also available in English at: /news/2019/aug/events-and-festivals-fund-accepting-applications-2020-21

Please answer the following about your experience using this website, not about the service you received from the organisation

Were you happy with your visit to our website today?

Thank you for your feedback