A’ Chomhairle ag iarraidh gun cuir thu fhèin ris an Ro-innleachd air Cinntinn Bidhe

Thèid co-chomhairleachadh poblach fhosgladh air ro-innleachd ùr aig a’ Chomhairle a tha a’ toirt cothrom do dhaoine agus ag iarraidh orra am biadh aca fhèin a chinntinn.

Dh’aontaich comhairlichean an-diugh (15 Lùnastal) air a’ Chomataidh Poileasaidh is Ghoireasan ri dreach den Ro-innleachd air Cinntinn Bidhe aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid. Bidh co-chomhairleachadh poblach ann mus tèid an ro-innleachd a chur ron chomhairle airson aonta deireannach.

Chaidh an ro-innleachd a leasachadh a-rèir Achd Cumhachdachadh Choimhearsnachdan (Alba) 2015 agus bidh stiùireadh is comhairle na cois do dhaoine is do choimhearsnachdan a tha airson an cuid bidhe fhèin a chinntinn agus fiosrachadh ga thoirt seachad air àiteachan a dh’fhaodadh coimhearsnachdan a chur gu feum airson biadh a chinntinn.

Tha mòran bhuannachdan an cois iomairtean bidhe mar seo a leithid cinntinn bidhe san sgìre fhèin, slàinte is sunnd muinntir an àite, cothroman do choimhearsnaich a thighinn ri chèile is cothroman ionnsachaidh cho math ri bhith a’ cur ri bith-iomadachd agus obair àrainneachail mhath na sgìre.

Thuirt an comhairliche David Kinniburgh, Ceannard Poileasaidh air Seirbheisean Dealbhaidh is Riaghlaidh: “Cuiridh an Ro-innleachd Cinntinn Bidhe againn ris a’ mhiann ann an Alba gun tèid i na Dùthaich a Chinneas Deagh Bhiadh le bhith a’ leigeil leis na daoine leis am bu mhiann an cuid bidhe a chinntinn tlachd agus math fhaighinn à biadh fallainn.

“Tha mi uamhraidh toilichte a bhith a’ cur air aghaidh tron Ro-innleachd am beachd gum bi sinn a’ cinntinn ar cuid fhèin agus a’ cur fàilte air obair bidhe fhad ‘s a bheir sinn cothrom do dhaoine agus do bhuidhnean coimhearsnachdan a leigeas leotha an dùbhlan a ghabhail os làimh.”

Thèid fiosrachadh mun cho-chomhairleachadh fhoillseachadh a dh’aithghearr.

This press release is also available in English at: /news/2019/aug/council-seeks-your-views-food-growing-strategy

Did you find what you were looking for?

Why wasn't this information helpful

Limit to 250 characters.