A’ Chomhairle a’ toirt fearann seachad a leigeas le fàs tighinn air sgoil-àraich

Published Date: 

23 Apr 2019 - 11:08

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air pìos fearainn a thoirt do sgoil-àraich ann an Eilean Bhòid a leigeas leotha leudachadh air an t-seirbheis aca agus barrachd àiteachan ann an cùram-chloinne a stèidheachadh do dh’òigridh an eilein.

Tha an Sgoil-àraich Apple Tree ann am Baile Bhòid agus tha am fearann a tha a’ Chomhairle a’ toirt dhaibh air cùl Pàillean Bhaile Bhòid, ri taobh na sgoil-àraich. Leis an fhearann seo a gheibh iad mar thiodhlac, thèid aig an sgoil-àraich air barrachd àiteachan a thabhann do dh’òigridh an eilein - agus tha seirbheisean foghlaim na Comhairle glè thoilichte gun tachair sin mar thaic don riatanas a tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt a-steach a thaobh 1140 uairean a thìde. Tha e cuideachd na eisimpleir fìor mhath air mar a tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid ag obair le luchd-compàirt gus poileasaidhean nàiseanta a thoirt air adhart – rud a dh’iarr Riaghaltas na h-Alba air a h-uile ùghdarras ionadail a dhèanamh gus cuideachadh le bhith a’ tabhann nan uairean a bharrachd.

 Thuirt Ceann-Phoileasaidh na Comhairle airson Foghlaim, an Comhairliche Yvonne McNeilly: “’S e Apple Tree an aon sheirbheis chùraim-chloinne fad-bliadhna ann an Eilean Bhòid, agus chan eil ach 12 àite ann airson clann a tha nas òige na trì, agus chan eil gin aluchd-cùraim-chloinne clàraichte fa leth san eilean.

“Leis an fhearann seo, gheibh an sgoil-àraich cothrom leudachadh air an obair aca agus dèanamh cinnteach gum faigh a’ chlann is òigridh againn na cothroman as fheàrr tràth nam beatha. Tha sinn airson gun tig ar cuid chloinne air adhart agus gun soirbhich leotha, agus tha ionnsachadh a-muigh na phàirt cudromach de dheagh fhoghlam airson clann fo chòig bliadhna a dh’aois ann an Earra-Ghàidheal is Bòd. Tha sinn an dùil gun cuir a’ chlann seachad co-dhiù 50% den ùine aca sna seirbheisean foghlaim a’ faighinn deagh chothroman ionnsachaidh a-muigh. Tha Apple Tree a’ dèanamh fìor mhath a thaobh sin air làrach far nach eil mòran àite ann dhaibh, ach leis an fhearann ùr seo ’s urrainn dhaibh leudachadh is leasachadh a dhèanamh air an ionnsachadh a nì iad a-muigh.

“Tha Apple Tree a’ toirt seachad 1140 uairean de sheirbheisean cùraim-chloinne mu thràth, agus dhearbh ceisteachain a lìon pàrantan a-steach o chionn ghoirid gu bheil iad glè riaraichte leis an t-seirbheis. B’ urrainn do chuid aca a bhith ag obair, barrachd uairean a dhèanamh nan obair no cùrsa a dhèanamh sa cholaiste air sàillibh nan uairean a bharrachd. Cuidichidh na planaichean seo gus leudachadh air seirbheisean na sgoil-àraich le bhith a’ toirt barrachd chothroman den t-seòrsa sin do phàrantan agus tha mi cho toilichte gun urrainn dhuinne mar Chomhairle cuideachadh le sin.”

 

To view this news release in English visit: www.argyll-bute.gov.uk/news/2019/apr/council-gifts-land-nursery-enable-it-grow