Buidheann gnothachais ùir a chuireas ri eaconamaidh na sgìre

Thèid buidheann-obrach ùr a stèidheachadh ann an Earra-Ghàidheal is Bòd airson a bhith ag obair gu dlùth còmhla ri luchd-gnothaich na sgìre leis an amas eaconamaidh làidir a thogail thar ùine fhada.

Dh’aontaich Comhairlichean air Comataidh na h-Eaconamaidh, Leasachaidh is Bun-structair an-diugh (Diardaoin, 7 Ògmhios) ri moladh gus Buidheann Gnothachais Earra-Ghàidheal is Bhòid a chur air bhonn, buidheann a bhios a’ brosnachadh obair chom-pàirteach is fàs san eaconamaidh.

Obraichidh Buidheann Gnothachais Earra-Ghàidheal is Bhòid gus cinn-uidhe choitcheann a ruighinn agus gus fàs a thoirt air an eaconamaidh. Leis mar a tha obair air tòiseachadh air iarrtas airson maoineachadh nach beag fhaotainn bho Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte mar phàirt de ‘Aonta airson Fàs ann an Sgìrean Dùthchail’− coltach ris na h-Aontaidhean airson Bhailtean-mòra a chaidh fhoillseachadh airson diofar bhailtean-mòra ann an Alba − thathar den bheachd nan deigheadh buidheann gnothachais ùir a stèidheachadh gum b’ urrainnear am feum a b’ fheàrr a dhèanamh de na cothroman a thig bho leithid a dh’aonta, agus cuidichidh a’ bhuidheann ùr le bhith a’ tarraing maoineachas ùr chun na sgìre agus le bhith a’ toirt fàs air an eaconamaidh tro mheadhanan eile.

Thuirt an Comhairliche Aileen Morton, Ceannard na Comhairle agus an Ceann-Phoileasaidh airson Leasachadh na h-Eaconamaidh: “Tha fios againn mu thràth gur e àite air leth a th’ ann an Earra-Ghàidheal is Bòd airson fuireach ’s a bhith ag obair ann, tadhal air, agus obair gnothachais – agus tha e mar amas daingeann againn gun obraich sinn còmhla ri luchd-gnothaich a chum leas na sgìre air fad agus gun dèan sinn cinnteach gu bheil fios aig daoine gu fad is farsaing air neartan is feartan sònraichte na sgìre. Thathar a’ stèidheachadh Buidheann Gnothachais Earra-Ghàidheal is Bhòid los gun urrainn dhuinn, ann an com-pàirt ri càch, am feum as fheàrr a dhèanamh de na cothroman a th’ ann gus an sgìre a chur air adhart agus gus ionmhas ùr a tharraing chun na sgìre.

“Tha a’ mhòr-chuid de na gnothachasan ann an Earra-Ghàidheal is Bòd nan iomairtean beaga no meadhanach mòr (IBMan) agus tha e cudromach gun obraich sinn còmhla riutha chun na h-ìre as motha as urrainn dhuinn airson dèanamh cinnteach gu bheil sinn uile, còmhla, a’ dèanamh a h-uile rud as urrainn dhuinn gus fàs a thoirt air an eaconamaidh. Tha sinn gu mòr airson gun cuidich luchd-gnothaich le bhith a’ cur na sgìre air adhart agus le bhith a’ cur ris an eaconamaidh agus tha mi a’ coimhead air adhart ris an obair a nì Buidheann Gnothachais Earra-Ghàidheal is Bhòid.”

’S e a tha fa-near, le bhith a’ toirt cheannardan is luchd-stiùiridh bhon a h-uile roinn còmhla ann an aon bhuidheann, dèanamh cinnteach gun tèid teachdaireachdan soilleir bhon roinn phrìobhaidich a dhealbh agus gum bi iad furasta an tuigsinn.

’S e dleastanas eile a bhios aig a’ Bhuidheann Ghnothachais, gun cuidich iad leis na còmhraidhean a bhios aig a’ Chomhairle agus Riaghaltasan na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte. 

English language version of this media release is available here: bit.ly/2sOOonV 

Did you find what you were looking for?

Why wasn't this information helpful

Limit to 250 characters.