Cothrom dhuibh pàirt de dh’àirneis eachdraidheil an Òbain a cheannach

Published Date: 

17 May 2018 - 13:54

Tha cothrom aig a’ mhòr-shluagh sealbh fhaighinn air àirneis a tha mar fhianais air eachdraidh na Comhairle san Òban, mus tèid an àirneis bho Thoglaichean na Comhairle air Sràid Albany a reic ann an rup.

Tha cothrom ann diofar phìosan de dh’àirneis, leithid bhùird is shèithrichean airson £10 is barrachd, a cheannach. Thèid an t-airgead a gheibhear a chur ri Maoin Maith Choitcheann an Òbain.

Bidh cothrom ann an àirneis fhaicinn is a cheannach aig Talla a’ Chorrain air 27 Ògmhios, bho 10m gu 2f. Faodaidh daoine pàigheadh aig Talla a’ Chorrain, agus thèid gach pìos àirneis a reic mar a tha i agus tha e an urra ris an neach-cheannaich an àirneis a thoirt leotha.

Ma tha dad air fhàgail, thèid a reic aig rup poblach.

Thuirt an Comhairliche Elaine Robasdan, Cathraiche Comataidh Sgìreil an Òbain, Latharna is nan Eilean: “Seo cothrom sgoinneil do mhuinntir na sgìre pàirt beag de dhualchas an Òbain a cheannach, agus thèid an t-airgead a nithear a chur gu deagh fheum.”

Airson barrachd fiosrachaidh cuiribh fios gu – Stiùbhart MacIllEathain air 01436 658717.

 

For the English version please see:

https://www.argyll-bute.gov.uk/news/2018/may/get-your-hands-piece-obans-civic-history