A’ Chomhairle a’ cur aonta ri plana a bheir taic don Ghàidhlig ann an Earra-Ghàidheal is Bòd

Published Date: 

17 May 2018 - 13:56

Tha a’ Chomhairle air aonta a chur ri plana airson na Gàidhlig a tha ag amas air barrachd dhaoine a bhrosnachadh gu bhith ag ionnsachadh is a’ bruidhinn a’ chànain agus air an fheum as motha as urrainnear a dhèanamh de na buannachdaneaconamacha thig bhon Ghàidhlig.

Tha am Plana Gàidhlig airson 2018 – 2022 a’ toirt fa-near do cho cudromach ’s a bha a’ Ghàidhlig ann an eachdraidh Earra-Ghàidheal is Bhòid agus a bhios an cànan don sgìre san ùine air thoiseach, agus i fhathast air a bruidhinn san sgìre agus a’ cur ri eaconamaidh Earra-Ghàidheal is Bhòid.

A bharrachd air a bhith ag amas air Cruinneachadh Gàidhlig a chumail ann an Earra-Ghàidheal is Bòd a h-uile dà bhliadhna, dh’aontaich a’ Chomhairle ri grunn amasan cudromach eile, leithid:  

  1. Obrachadh còmhla ri càch gus daoine a bhrosnachadh gu bhith a’ gabhail pàirt sa Mhòd Nàiseanta Rìoghail
  2. A’ tabhann cothrom do Mhòdan ionadail air toglaichean na Comhairle an-asgaidh
  3. A’ dèanamh sanasachd air Earra-Ghàidheal is Bòd mar àite far an urrainn do dhaoine filmichean is prògraman telebhisein a dhèanamh far a bheil Gàidhlig no cultar na Gàidhlig mar phàirt dhiubh
  4. Gum bi Gàidhlig mar phàirt den t-sanasachd a nithear air Earra-Ghàidheal is Bòd mar àite airson luchd-turais

Thuirt Ceann-Phoileasaidh na Comhairle airson na Gàidhlig, an Comhairliche Robin MacMhuirich:  “’S e a tha fa-near dhuinn le seo, dèanamh cinnteach gum mair a’ Ghàidhlig beò thar ùine fhada ann an Earra-Ghàidheal is Bòd. Thathar a’ gabhail ris nuair as urrainn do dhaoine barrachd air aon chànan a bhruidhinn gum faigh iad buannachdan bhon sin. Tha am Plana a’ sealltainn mar a tha sinn a’ dol a chuideachadh le bhith a’ brosnachadh barrachd dhaoine gu bhith ag ionnsachadh Gàidhlig.

“A thuilleadh air sin, tha am Plana a’ sealltainn mar a thig buannachdan bhon chànan airson na sgìre air fad, agus i a’ tarraing luchd-tadhail, daoine bho ghnìomhachas nam filmichean agus daoine gu tachartasan agus na daoine sin uile a’ cosg airgead a gheibh gnothachasan ionadail. Tha e a chum leas a h-uile duine againn gun tig a’ Ghàidhlig am feabhas ann an Earra-Ghàidheal is Bòd.”

 

Tha an aithisg cuideachd a’ comharrachadh nan cothroman a th’ ann gus Gàidhlig ionnsachadh is a bhruidhinn ann an sgoiltean, agus ann am ‘Furan’– Ionad Gàidhlig na Comhairle san Òban a bhios a’ cur thachartasan air dòigh do chloinn is daoine aig a bheil ùidh ann an bhith ag ionnsachadh a’ chànain.

Bithear a’ cumail Cruinneachadh Gàidhlig ann an Earra-Ghàidheal is Bòd a h-uile dà bhliadhna mar phàirt den phlana ghnìomh, leis an amas na coimhearsnachdan Gàidhlig bho air feadh na sgìre a thoirt còmhla gus eòlas a cho-roinn agus an t-slighe air adhart don chànan is cultar aontachadh.

Cuideachd, tha a’ Chomhairle a’ brosnachadh dhaoine gu bhith ag ionnsachadh is a’ bruidhinn na Gàidhlig sna coimhearsnachdan aca, agus sinn a’ togail air amasan a’ Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig, agus bheir sinn taic do luchd-obrach a tha airson Gàidhlig ionnsachadh, le clasaichean air an lìbhrigeadh ann an com-pàirt ri Ionad Chaluim Chille Ìle. 

Cuirear am Plana a-steach gu Bòrd na Gàidhlig a-nis, mar a dh’fheumar fo Achd na Gàidhlig (Alba) 2005.

 

 

For the English version please visit:

https://www.argyll-bute.gov.uk/news/2018/may/council-approves-plan-help-gaelic-language-thrive-argyll-and-bute