Sgoilearan Bhun-sgoil Chàrdanros a’ cur an cùl ri plastaig

Published Date: 

26 Feb 2018 - 15:15

Tha sgoilearan bho Bhun-sgoil Chàrdanros air a chur romhpa nas lugha de phlastaig a chleachdadh san sgoil.

Rinn a’ Chomataidh Eco aig an sgoil, air a bheil sgoilearan bho P1-P7, an co-dhùnadh gus pàirt a ghabhail san iomairt nàiseanta, ‘sgoiltean an aghaidh plastaig’, a tha air a ruith le Luchd-surfaidh an Aghaidh Òtrachais.

Chuir a’ Chomataidh Eco an iomairt air bhonn air beulaibh na sgoil air fad aig àm cruinneachaidh air 9 Gearran.

Thuirt a’ Bh-ph Girling, am Prìomh Thidsear a tha a’ ruith na Comataidh Eco:

“B’ e a’ chiad rud a rinn sinn san iomairt againn stad a chleachdadh bhotal plastaig a ghabhas cleachdadh dìreach aon uair agus bha cothrom aig sgoilearan na botail phlastaig sin a thoirt seachad agus fear fhaighinn na àite a ghabhas cleachdadh a-rithist is a-rithist.

“Tha a’ Chomataidh Eco, agus luchd-obrach cidsin na sgoile, air a bhith a’ cumail sùil air na th’ ann de stuthan plastaig a tha air an cleachdadh dìreach aon uair aig àm-plèadha is àm-lòin agus chuir e iongnadh mòr orra gun robhar sa chumantas a’ caitheamh 115 sràbhan air falbh gach latha, sin 21,000 sa bhliadhna!

“Fhuair sinn a-mach cuideachd gun robh stuthan plastaig air an cleachdadh aon uair airson cheapairean, bogsaichean le measan agus spàintean plastaig.

“Tha sgoilearan air ùidh aghabhail sa chuspair seo tro na leasanan aca mu sheasmhachd. ’S e an ath cheum san iomairt againn trusadh a dhèanamh air an sgudal gus faicinn dè an seòrsa plastaig as motha a tha air fhàgail mar sgudal air an raon-chluiche againn.”

Cha bhi a’ Chomhairle a’ cleachdadh sràbhan plastaig sna seòmraichean-bìdh aca, ach a-mhàin an fheadhainn a thig le cartanan sa bheil deoch, agus tha sinn a’ bruidhinn ri luchd-solair feuch a bheil deochan eile rim faotainn gun na sràbhan sin.

Thuirt An Comhairliche Yvonne McNeilly, an Ceann-Poileasaidh airson Foghlam:

“Tha e cudromach gun ionnsaich daoine òga mu mar as urrainn dhaibh diofar a dhèanamh. Meal-a-naidheachd air a’ Chomataidh Eco airson na h-iomairt sgoinneil aca.”

 

English-language version: https://www.argyll-bute.gov.uk/news/2018/feb/cardross-primary-pupils-say-%E2%80%98no%E2%80%99-plastic