Published Date:
Tha Sgioba Seirbheisean Òigridh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air prògram loma-làn de thachartasan is cur-seachadan a chur air dòigh gus gàirdeachas a dhèanamh ri cuid de na h-adhbharan a tha e a’ còrdadh ri òigridh a bhith a’ fuireach is a’ fàs suas ann an sgìre Earra-Ghàidheal is Bhòid, agus gus Bliadhna na h-Òigridh aig Riaghaltas na h-Alba a chomharrachadh ann an 2018.
Chaidh beachdan a shireadh bho 1,055 daoine òga bho air feadh na sgìre, agus chaidh iarraidh orra na deich adhbharan as motha a tha Earra-Ghàidheal is Bòd a’ còrdadh riutha a thaghadh.
B’ iad na deich adhbharan as motha a chaidh a roghnachadh: 1 Sàbhailteachd; 2 Am Blàr A-muigh; 3 Furasta càirdeas a chumail le daoine eile; 4 Nàdar; 5 Sàmhach is sìtheil; 6 Bòidheach; 7 Saorsa; 8 Spòrs/cur-seachadan; 9 Cothroman; 10 Furasta a dhol an sàs ann an cùisean.
Chaidh prògram togarrach is tarraingeach a dhealbh an uair sin stèidhichte air na beachdan sin, a’ gabhail a-steach taisbeanadh dannsa, pròiseact dhealbhan-camara, bùth-obrach airson comadaidh is misneachd, fèis fhilmichean, agus iomadh rud eile.
Bidh na tachartasan cuideachd a’ togail air na sia prìomh chuspairean aig Bliadhna na h-Òigridh: cultar; slàinte is sunnd; co-ionannachd is leth-bhreith; iomairt is ath-nuadhachadh; a’ gabhail pàirt; agus foghlam.
Thuirt Ceann-Poileasaidh na Comhairle airson Foghlam, an Comhairliche Yvonne McNeilly: “’S e a tha fa-near do Bhliadhna na h-Òigridh cothrom a thoirt do dh’Alba bratach na h-òigridh a thogail, na tha iad a’ coileanadh a chomharrachadh, sùim a chur anns na nì iad do na coimhearsnachdan aca, agus cothroman ùra a thoirt dhaibh gus sealltainn dhuinn na tha iad comasach air a dhèanamh gu h-ionadail, gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta.
“Tha daoine òga againn an seo ann an Earra-Ghàidheal is Bòd às am bu chòir dhuinn a bhith moiteil – daoine òga a tha nan tosgairean air leth airson na sgìre, agus a tha ag obair gu cruaidh gus dèanamh cinnteach gu bheil sgìre shoirbheachail is iongantach againn.
“Tha e sgoinneil gum bi sinn a’ cur grunn math thachartasan air dòigh gus toileachas a dhèanamh ri ar n-òigridh, agus ris na tha iad a’ coileanadh, agus gus sealltainn carson a tha Earra-Ghàidheal is Bòd na sgìre a tha cho fìor mhath airson fuireach ann, airson obair agus airson ionnsachadh.”
Thèid Plana Bliadhna na h-Òigridh airson Earra-Ghàidheal is Bhòid a chur air bhog gu h-oifigeil aig Duaisean Earra-Ghàidheal is Bhòid ann am Baile Eilidh air 31 Faoilleach 2018.
Airson liosta iomlan de na bhios a’ dol ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, tadhlaibh air: https://www.youngscot.org/local-authorities/argyll-and-bute/