Buidseat ciallach do dh’Earra-Ghàidheal is Bòd

Published Date: 

26 Feb 2018 - 15:17

“Tha sinn a’ cosg ar cuid ionmhais air seirbheisean is iomairtean fìor fheumail is cudromach do dh’Earra-Ghàidheal is Bòd agus dùbhlain nach beag romhainn – tha sinn airson gun soirbhich le sgìre Earra-Ghàidheal is Bhòid.”

Dhearbh Ceannard Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, an Comhairliche Ailean Morton, gun deigheadh cha mhòr £15m a chosg air rathaidean, agus thèid airgead a chosg air cùram sòisealta is seirbheisean luchd-cleachdaidh mar phàirt den bhuidseat airson 2018/19 a chaidh aontachadh an-diugh, 22 Gearran.

Cuideachd, rinn na Comhairlichean co-dhùnaidhean gus dèiligeadh ris an toll luach £5m sa mhaoineachadh airson 2018/19 agus a chuireas dìon air seirbheisean riatanach bho ghearraidhean a thig sna bliadhnaichean ri thighinn.

Nì a’ Chomhairle na leanas:

  • Cosgar £8.3m a bharrachd air rathaidean thairis air an ath dhà bhliadhna, agus sin a’ ciallachadh gun tèid cha mhòr £15m uile-gu-lèir a chosg orra, agus £0.5m air slighean-coiseachd;
  • Thèid £0.767m a chosg air an t-siostam TFC a leigeas leis a’ mhòr-shluagh seirbheisean Comhairle air a bheil feum aca a chleachdadh, agus
  • Thèid £1.5m a bharrachd a chosg air seirbheisean cùraim shòisealta.

Cumaidh a’ Chomhairle orra a’ cur prìomhachas air fàs san eaconamaidh, agus e na ‘thargaid shoilleir’ dhaibh Aonta airson Fàs ann an Sgìrean Dùthchail a chur air dòigh.

“Feumaidh sinn tighinn còmhla airson aonta a ruighinn a thaobh fàs a tha a’ frithealadh air amasan nan coimhearsnachdan is nan gnothachasan ionadail agus a chuireas ri cinn-uidhe ro-innleachdail na Comhairle,” thuirt an Comhairliche Morton.

“Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ri comhairlichean eile, buidhnean com-pàirteach, agus ar coimhearsnachdan is gnothachasan ionadail gus seo a thoirt gu buil ann an 2018.

“Tha sinn airson nas urrainn dhuinn a dhèanamh do na coimhearsnachdan a tha sinn a’ riochdachadh; tha sinn airson iomadh cothrom a chruthachadh; tha sinn airson gun soirbhich gu mòr le Earra-Ghàidheal is Bòd.”

Thuirt Leas-Cheannard na Comhairle, an Comhairliche Gary Mulvaney: “A bharrachd air a bhith a’ cur ionmhas gu feum le sùil ris an àm ri teachd, tha fios againn gum feum sinn cruth-atharrachadh a thoirt air an obair againn. Tha sin a’ ciallachadh sùil gheur a thoirt air gach taobh den obair sin – ann an dòigh ùr is shoilleir agus le fòcas.

“’S e aon eisimpleir de sin an iomairt, Oighreachd Iomlan na Comhairle, a chaidh aontachadh an-diugh. Bidh sinn a’ cumail rian gu gnìomhach air na 1,700 togalaichean is pìosan fearainn a tha fo shealbh na Comhairle, ann an dòigh a bhios gu buannachd na Comhairle agus nan coimhearsnachdan ionadail.

“Le seo bidh sinn ag obair ann an dòigh ro-innleachdail, corporra is cunbhalach – dòigh-obrach èifeachdach is chiallach a tha na coimhearsnachdan againn a’ miannachadh a chuireas sinn an sàs.

“Leis a’ bhuidseat seo, rinn sinn roghainn chiallach do dh’Earra-Ghàidheal is Bòd.”

 DEIREADH

 Fios do Luchd-deasachaidh:

  • Thèid a’ Chìs Comhairle aig Bann D suas bho £1,213 gu £1,249 

Am measg nam prìomh cho-dhùnaidhean a rinneadh gus buidseat na Comhairle a chothromachadh bha:

  • Àrdachadh de 3% sa Chìs Chomhairle, rud ris an robh dùil aig Riaghaltas na h-Alba sna h-aontaidhean maoineachaidh aca airson Chomhairlean
  • 24 roghainnean gus airgead a chùmhnadh thar dhiofar sheirbheisean
  • Chaidh àrdachaidhean a thoirt air cìsean stèidhichte air tasgaidhean is ìre na h-atmhorachd
  • clàr le roghainnean + graf le àrdachadh sa cheud ann an HSCP

Dhiùlt a’ Chomhairle, gu ìre no gu tur, ochd de 32 roghainnean gus airgead a shàbhaladh, airson dìon a chur air seirbheisean a chaidh a chomharrachadh le coimhearsnachdan sa cho-chomhairleachadh air a’ bhuidseat mar fheadhainn chudromach.

Thèid maoineachadh a ghleidheadh airson:

  • Sgioba Sàbhailteachd Rathaidean a dh’ionnsaicheas do chloinn is daoine òga mu mar a chumas iad iad fhèin sàbhailte faisg air rathaidean
  • Leasachadh is taic airson foghlam, agus thèid beachdachadh ann an 2018 air feumalachdan taice san àm ri teachd
  • Seirbheisean airson slàinte a’ phobaill is sàbhailteachd bìdh tron Sgioba airson Slàinte san Àrainneachd

Bha còig roghainnean sàbhalaidh ann nach deach a chur an sàs ach gu ìre:

  • Thèid cìsean-parcaidh a chur an sàs a rèir an t-suidheachaidh ionadail an àite aon siostam airson na sgìre air fad

 

English language version: https://www.argyll-bute.gov.uk/news/2018/feb/responsible-budget-argyll-and-bute