Published Date:
Tha aithisg bho Riaghaltas na h-Alba a’ dearbhadh mar a tha roinn planaidh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ toirt sàr sheirbheis don choimhearsnachd san sgìre.
Tha an aithisg a’ dèanamh measadh air ìrean coileanaidh seirbheisean planaidh na Comhairle thar dhiofar raointean ann an 2016/2017.
Bidh a h-uile ùghdarras ionadail ann an Alba a’ cur Frèam Coileanaidh airson Planadh a-steach gu Riaghaltas na h-Alba gach bliadhna airson a sgrùdadh.
Bithear a’ measadh sheirbheisean leasachaidh ionadail thar 15 diofar raointean de na seirbheisean a tha iad a’ toirt do dhaoine is gnothachasan ionadail agus thèid gach pàirt den phròiseas a mheasadh le dath ‘uaine’, ‘òmar’ no ‘dearg’.
San aithisg againn am-bliadhna tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ dèanamh glè mhath an coimeas ris na h-ìrean coileanaidh nàiseanta, agus chaidh 11 de ar seirbheisean a chomharrachadh le ‘uaine’, trì le ‘òmar’, agus dìreach aonan le ‘dearg’ (a tha co-cheangailte ri seann iarrtasan no iarrtasan air an tàinig bacadh).
Am measg nan raointean far an d’ fhuaras moladh san aithisg airson 2016/17 tha:
- Mar a lùghdaich a’ Chomhairle an ùine a bha dhìth airson cho-dhùnaidhean mu dheidhinn leasachaidhean planaidh mòra gu 22 seachdain, gu math nas lugha na an ùine a thathar a’ toirt sa chumantas gu nàiseanta, 37 seachdainean
- Sàr sheirbheis chomhairleachaidh bhon Chomhairle do dhaoine mus cuir iad iarrtas a-steach agus rinneadh oidhirpean matha gus sanasachd a dhèanamh air a’ phròiseas
- Grunn leasachaidhean air an cur an sàs ann an 2016/17, a’ gabhail a-steach seirbheis-dhearbhaidh nas fheàrr, a’ dèanamh mheasaidhean glèidhteachais agus a’ foillseachadh fiosrachadh air bith-iomadachd
- A’ toirt cothrom aig ìre thràth do chomhairlichean is luchd-ùidhe bhon taobh a-muigh a dhol an sàs sa phròiseas phlanaidh
- A’ cur romhainn deagh mhodhan-obrach a cho-roinn le ùghdarrasan ionadail eile
Cha do chomharraich Riaghaltas na h-Alba gin a raointean a dh’fheumadh an t-seirbheis a leasachadh ann an 2017/18.
Thuirt Ceann-Poileasaidh na Comhairle airson Planaidh, an Comhairliche David Kinninburgh:
“Tha ar Seirbheisean Planaidh fìor chudromach do dh’fhàs ann an eaconamaidh Earra-Ghàidheal is Bhòid, agus iad a’ dèanamh measadh air agus a’ toirt taic do chaochladh phròiseactan leithid thuathanasan-gaoithe, leasachaidhean taigheadais agus obair ùrachaidh air togalaichean clàraichte.
“Tha e daonnan fa-near dhaibh seirbheis fhìor mhath is èifeachdach a thoirt seachad a tha a’ frithealadh air feumalachdan is amasan dhaoine is ghnothachasan fhad ’s a tha iad cuideachd a’ dèanamh cinnteach gun tèid aire a thoirt do mhath na coimhearsnachd san fharsaingeachd agus na h-àrainneachd ionadail.
“’S e an t-amas farsaing a th’ aig ar seirbheisean planaidh gum bi Earra-Ghàidheal is Bòd ‘na àite goireasach airson gnothachas is malairt’ agus mar thoradh air sin gheibhear eaconamaidh ionadail a tha soirbheachail. Tha sinn toilichte gu bheil an aithisg seo bho Riaghaltas na h-Alba a’ comharrachadh mar a tha sinn air soirbheachadh leis an amas sin.”
Notaichean
- Chaidh beachdachadh o chionn ghoirid air toraidhean na h-aithisge aig Riaghaltas na h-Alba aig coinneamh den Chomataidh airson Planaidh, Sheirbheisean Dìona is Ceadachd.