Published Date:
Tha sgioba conaltraidh coimhearsnachd le Cleland Sneddon, Àrd-oifigear Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, air a cheann gu bhith a’ tadhal air àiteachan air feadh Earra-Ghàidheal is Bhòid airson dèanamh cinnteach gum bi beachdan dhaoine ionadail air an gabhail a-steach ann an sgrùdadh nàiseanta air seirbheisean poblach agus air mar bu chòir cumhachd a bhith air a roinn ann an Alba.
Eadar Colla is Baile Eilidh, Ceann Loch Chille Chiarain, An t-Òban agus Bòd, bidh an sgioba a’ cumail sheiseanan air an oidhche ann an 10 àiteachan air feadh na sgìre gus beachdan a chluinntinn bho dhaoine agus buidhnean coimhearsnachd agus airson bruidhinn air mar a ghabhadh, no am bu choir, co-dhùnaidhean a dhèanamh mu dheidhinn sheirbheisean poblach aig ìre ionadail.
Thathar a’ cumail co-chomhairleachadh ionadail ron sgrùdadh nàiseanta aig Riaghaltas na h-Alba (Sgrùdadh air Riaghladh Ionadail), sgrùdadh air mar a bu chòir seirbheisean poblach a chur air dòigh is an lìbhrigeadh san àm ri teachd.
Thuirt Cleland: “Dh’fhaodadh an sgrùdadh air riaghladh ionadail buaidh a thoirt air duine sam bith a tha a’ lìbhrigeadh no a’ cleachdadh sheirbheisean no taic phoblach, a’ gabhail a-steach na feadhna a tha a’ Chomhairle a’ toirt seachad. Mar sin, tha e cudromach gun dèan sinn feum den ùine seo còmhla gus na prìomh chùisean a tha cudromach do dhaoine ionadail a chomharrachadh: na rudan a tha sibh ag iarraidh atharrachadh agus a cheart cho cudromach na rudan nach eil sibh ag iarraidh tachairt.
“’S ann mu dheidhinn nam beachdan is molaidhean agaibhse a tha seo – ’s ann ag èisteachd a bhios sinn.”
Thèid am fiosrachadh a thèid a chruinneachadh a chleachdadh mar phàirt de fhreagairt na Comhairle do Riaghaltas na h-Alba.
Ma tha beachdan agaibh air mar a thathar a’ dèanamh cho-dhùnaidhean mu dheidhinn sheirbheisean poblach agus ma tha sibh airson innse dhuinn mun deidhinn, gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh an seo agus faodaidh sibh clàradh airson tighinn gu aon de na tachartasan againn - www.argyll-bute.gov.uk/future-public-services-your-voice
Seo na cinn-latha airson nan tachartasan. Thèid na h-àiteachan aig na tachartasan a thoirt seachad do na ciad daoine a ghlèidheas iad.
19 Giblean – Colla
24 Giblean – Ceann Loch Chille Chiarain
26 Giblean – Ceann Loch Gilb
1 Cèitean – Baile Eilidh
10 Cèitean – Muile
6 Ògmhios - Ìle
12 Ògmhios – Bòd
13 Ògmhios – Dùn Omhain
18 Ògmhios – Còmhradh air an Eadar-lìon
21 Ògmhios - An t-Òban
Thathar an dùil gun tèid an Sgrùdadh air Riaghladh Ionadail fhoillseachadh a dh’aithghearr.