Teachdaireachd Nollaige bhon Phròbhaist

Published Date: 

18 Dec 2017 - 13:15

“Tha an Nollaig a’ teannadh dlùth a-rithist agus tha e mìorbhaileach sgìre Earra-Ghàidheal is Bhòid fhaicinn agus i cho brèagha is dathte agus air a sgeadachadh agus làn maise na Nollaige. ’S e àm làn aoibhneis is cridhealais a th’ anns an Nollaig far am bi sinn còmhla ri ar càirdean is caraidean, àm làn spòrs is dibhearsain agus aig a’ Bhliadhn’ Ùir tha cothrom ann cnuasachadh air a’ bhliadhna a dh’fhalbh agus smaoineachadh gu dòchasach air na tha gu bhith romhainn sa bhliadhn’ ùir.

“Tha an t-àm seo a’ ciallachadh iomadh rud do dh’iomadh duine agus tha e na thoileachas dhomh a ràdh gur e àm a th’ ann nuair a bhios coimhearsnachdan a’ tighinn còmhla aig tachartasan is cuirmean subhach is sunndach.

“Tha fios agam cuideachd gum faod an t-àm seo dhen bhliadhna a bhith doirbh do mhòrandhaoine agus bidh mi a’ smaoineachadh air na daoine sin cuideachd. Tha fios agam gu bheil a h-uile duine trang, ach dh’iarrainn oirbh beagan ùine a chur seachad a’ smaoineachadh air càch.

“Tha sinn a’ tighinn faisg air deireadh 2017, agus tha mi a’ guidhe Nollaig fìor chridheil agus Bliadhna Mhath Ùr làn sìth is soirbheis dhan a h-uile duine ann an Earra-Ghàidheal is Bhòid.”

An Comhairliche Len Scoullar
Pròbhaist Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

https://www.argyll-bute.gov.uk/news/2017/dec/provosts-christmas-message