Cha bhithear a’ cleachdadh pàipear aig coinneamhan na Comhairle tuilleadh

Published Date: 

18 Dec 2017 - 13:08

Mar phàirt den iomairt aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gus mu £250,000 a shàbhaladh tro bhith a’ cleachdadh nas lugha pàipeir is stuthan clò-bhuailte, cha bhi a’ Chomhairle a’ cleachdadh pàipear airson nan coinneamhan aca tuilleadh.

Bidh na comhairlichean is oifigearan uile a-nis a’ faotainn nan aithisgean airson coinneamhan na Comhairle air-loidhne a-mhàin, tron app Modern.Gov, a leigeas leotha na h-aithisgean a leughadh, notaichean a dhèanamh, beachdan a thoirt seachadagus pìosan sa bheil ùidh aca a chomharrachadh sna lethbhric eileagtronaigeach de na h-aithisgean. 

Faodaidh am mòr-shluagh aithisgean coinneamhan na Comhairle fhaotainn air-loidhne cuideachd, agus ma tha iad an dùil a bhith an làthair aig coinneamh ’s urrainn dhaibh na sgrìobhainnean a thoirt a-nuas ro-làimh le bhith a’ cleachdadh an app an-asgaidh air iPad, Uidheam Android, Uidheam le Windows 8/10 no air Blackberry Playbook.

Fiù ’s dìreach le bhith a’ gluasad gu coinneamhan às aonais pàipeir, sàbhailidh a’ Chomhairle mu £40,000 gach bliadhna, agus bidh an t-airgead sin a thèid a chùmhnadh a’ cur risna suimeannan eile a tha a’ Chomhairle a’ sàbhaladh mu thràth agus iad a’ clò-bhualadh sgrìobhainnean le bhith a’ cleachdadh uidheaman le iomadh goireasa tha air an co-roinn eadar roinnean is seirbheisean na Comhairle. Tha an co-obrachadh sin air ceudan de mhìltean de notaichean a shàbhaladh mu thràth de chosgaisean clò-bhualaidh.

Thuirt an Comhairliche Rory Colville, Ceann-Poileasaidh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid airson Seirbheisean Corporra:

“’S e àm duilich a tha seo dhan a h-uile comhairle. ’S e am prìomh amas a th’ againn, nuair a thig e gu bhith a’ sàbhaladh an airgid a dh’fheumas sinn gus dèiligeadh ris an toll sa mhaoineachadh againn, coimhead air na dòighean san urrainn dhuinn fhìn mar Chomhairle na modhan-obrach againn a dhèanamh nas èifeachdaiche.

“Ann a bhith a’ gabhail a’ cheuma seo, tha sinn a’ dèanamh feum de theicneòlas didseatach gus airgead a chùmhnadh feuch gun urrainn dhuinn seirbheisean riatanach a dhìon.”

Thathar a’ tuairmse gu bheil toll luach eadar £0.9m is £8.5m gu bhith ann am buidseat Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid airson 2018/19, agus gum bi easbhaidh iomlan sa bhuidseat thairis air an ath thrì bliadhna luach eadar £11.1m agus £33.9m.

Tha a’ Chomhairle a’ cumail co-chomhairleachadh air na roghainnean a th’ ann a thaobh a bhith a’ sàbhaladh airgead agus a’ planadh airson seirbheisean, mus tèid am buidseat aontachadh sa Ghearran 2018.

San fhiosrachadh airson a’ cho-chomhairleachaidh, gheibhear eisimpleirean de mar a chuidich freagairtean a fhuaras roimhe le bhith a’ toirt atharrachadh air obair na Comhairle, agus gheibhear cuideachd ceistean a thaobh dè na seirbheisean air am bu chòir prìomhachas a chur agus gheibhear fiosrachadh air cuid de na dòighean san gabhadh airgead a shàbhaladh math dh’fhaodte.

Gheibhear am fiosrachadh air-loidhne aig www.argyll-bute.gov.uk/planningourfuture2017 agus bidh an co-chomhairleachadh fosgailte gu 2 Faoilleach 2018.

 

https://www.argyll-bute.gov.uk/news/2017/dec/argyll-and-bute-council-meetings-go-paperless