A’ chiad phròiseact aig Lorn Arc ga chur an gnìomh

Published Date: 

7 Sep 2015 - 12:49

 Pròiseact gus leasachadh a’ dhèanamh air an rathad gu ruige pàirce gnìomhachais Phort-adhair an Òbain air tòiseachadh

 

Chaidh toiseach-tòiseachaidh a’ dhèanamh  air a’ chaid de naoi pròiseactan ath-ghineamhainn, Loan Arc, aig Comhairle Earra-ghàidheal is Bhòid aig Port-adhair an Òbain air Dimàirt 1 den t-Sultain.

 

Bha an Comhairliche, Roddy McCuish, Cathraiche Comataidh Sgìre an Òbain, Latharna agus nan eilean, an làthair gus a’ phròiseact a chuir air bhog agus thuirt e: “’S e prìomh phrògram inbheisteadh a tha seo don a chomhairle , a tha ag amas air a bhith a’ cruthachadh bun-structar gus airgead calpa bhon an roinn phrìobhaideach a’ thàladh don Òban agus sgìre Latharna.

 

“Tha e math fhèin a’ chiad phròiseact fhaicinn a’ tòiseachadh as ùr an-diugh. ‘S ann mu-dheidhinn a bhith a’ cruthachadh làrach a’ thàlas an roinn phrìobhaideach a tha an obair seo, ga dhèanamh tarraingeach do luchd-seilbheachd mar prìomh phàirce gnìomhachais, ga’m brosnachadh gu bhith a’ gluasad na h-oifisean aca an seo agus a’ cruthachadh obraichean anns an sgìre.

 

“ Tha beachd nas farsainge againn air fàs ge-tà, agus tha ceangal eadar a’ phròiseact seo agus an obair mhìorbhaileach eile a tha a’ tachairt anns An Òban an-dràsda. Tha a’ phròiseact “public realm” a’ gluasad air adhairt chun an dàrna ìre as dèidh crìoch a’ chuir air a’ chiad ìre aig Sràid Stafford, chaidh cead-dealbhaidh a thoirt bhon a chomhairle don iomairt gus àrd-sgoil ùr a thogail anns a bhaile agus tha àireamhan luchd-turais gus a dhol an àird le RET a’ tòiseachadh nas anmoiche am bliadhna.

 

“’S ann mu-dheidhinn an t-suidheachadh gu lèir a tha prògram Loan Arc le ceangal eadar gach pròiseact, a’ lìbhrigeadh bun-structar a’ chruthaicheas baile an Òbain mar prìomh bhaile airson leasachadh prìobhaideach agus na h-obraichean a thig ri lìnn seo.

 

“Tha sinn air leth toilichte a’ chiad phròiseact fhaicinn a’ tòiseachadh; tha mi cinnteach gum bidh e glè chudromach ann a bhith a’ toirt piseach mòr air an t-suidheachadh eaconamach”.

 

Le sgeama luach £600,000, thig leasachadh a’ dhèanamh air an rathad gu làrach Phort-adhair an Òbain gus pàirc mhalairt a’ stèidheachadh agus thèid a dhèanamh ann an dà phìos – an rathad an-toiseach agus an làrach as dèidh sin.

 

As dèidh aonta slàn a’ ruighinn air an adhbhar-gnothaich agus cead-dealbhaidh fhaotainn nas tràithe an samhradh, tha a’ chiad ìre ga dhealbhadh agus thèid a’ lìbhrigeadh le sgioba nan rathaidean aig a’ chomhairle seach cùmhnantair bhon taobh a-muigh, rud a’ shàbhalas airgead don sporan poblach.

 

Tha dùil gum bidh an rathad dà-fhillteachd a bhios 150 meatair a dh’fhaid, le frith-rathad air aon taobh, na pìoban-gìulain, drèanadh is solais-sràide, deiseil ro’n t-Samhain 2015.

 

 

Oban Airport business park access improvement project on site

The first of Argyll and Bute Council’s nine Lorn Arc regeneration projects got underway at Oban Airport today (Tuesday 1st September).

Councillor Roddy McCuish, Chair of the Oban, Lorn and the Isles Area Committee, was on site to help break ground, saying: ‘’This is a flagship investment programme for the council, aimed at creating the key infrastructure to attract private sector investment in the Oban and wider Lorn area.

‘’It’s fantastic to see the first project beginning in earnest today. The work that is now underway is all about creating a site which appeals to the private sector, making it attractive for investors as a prime business park area, getting them to locate their premises here and bring jobs to the area.

‘’We take a wider view of growth though, and this project is linked to all the other great work going on in Oban just now. The public realm project is moving into the second phase after the successful completion of the first phase along Stafford Street, the new high school project received a huge boost recently as the council was minded to grant planning permission and tourist numbers to the area are set to grow with the introduction of RET later this year.

‘’The Lorn Arc programme is about seeing the bigger picture, with each individual project linked to the whole, delivering a package of infrastructure that makes Oban a prime site for private development and the jobs that come with that.

‘’We are delighted to see the first project start; I am sure it will serve as a real catalyst for positive economic change.’’

A £600,000 scheme will see access improvements to the Oban airport site to open up a business park opportunity and will be delivered in two phases – the road itself first then the site specification after that.

Following approval of the full business case and the granting of planning permission earlier this summer, the first phase of works is being designed and delivered by the council’s own roads team rather than an external contractor, providing best value for the public purse.

The 150 metres of two-lane carriageway and single sided footway, with associated service ducting, drainage and street lighting, is expected to be complete by November 2015.