Àireamh òigridh air slighe gu obraichean maireannach ann an Earra-Ghàidheal is Bòd nas fheàrr na àireamhan cuibheasach nàiseanta

Published Date: 

9 Sep 2015 - 16:44

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air fàilte a chur air figearan a chaidh fhoillseachadh an t-seachdain seo a tha sealltainn gu bheil an àireamh dhaoine òga san sgìre tha air an t-slighe gu bhith cosnadh gu cunbhalach gu math nas àirde na an ìre chuibheasach gu nàiseanta.

Tha na figearan, a dh’fhoillsich Leasachadh Sgilean na h-Alba, agus a tha tomhas mar a tha daoine a’ gabhail com-pàirt ann an diofar raointean den t-slighe obrach, a’ sealltainn gu bheil 91.2% de dhaoine òga ann an Earra-Ghàidheal is Bòd aois 16 gu 19 an-dràsta a’ faighinn cosnadh, foghlam no trèanadh – ’s e an ìre chuibheasach nàiseanta, 87.6%. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil sgìre Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air aon de na 10 ùghdarrasan ionadail as fheàrr air an dùthaich a thaobh na slait-tomhais seo.

Thàinig am fiosrachadh mar thoradh air a’ ghealladh, Cothrom don a h-Uile Duine, a rinn Riaghaltas na h-Alba agus iad a’ tabhann taic don a h-uile duine òg dhen aois seo gus obair a lorg.

Thuirt Ceannard Phoileasaidhean na Comhairle airson Foghlam is Ionnsachadh Fad-beatha, an Comhairliche Rory Colville: “Tha a bhith leasachadh sgilean is a’ leudachadh àireamh luchd-obrach òga na sgìre gu dlùth cheangailte ri Buil 3 den Aonta Shingilte aig Com-pàirteachas Planaidh Coimhearsnachd Earra-Ghàidheal is Bhòid: Foghlam, sgilean is trèanadh a bheir an cothrom as fheàrr don a h-uile duine.

“Tha an aithisg seo a’ sealltainn nan oidhirpean a rinn na com-pàirtichean uile gus taic a chumail ri daoine òga, a leig leis na daoine òga sin adhartas a dhèanamh agus a thug cothroman dhaibh air slighean freagarrach gu bhith cosnadh.”

Airson tuilleadh fiosrachaidh tadhlaibh air https://www.skillsdevelopmentscotland.co.uk/news-and-events/news/new-mea...

 

Argyll and Bute Council has welcomed figures released this week which show that the number of young people in the area who are on the path to sustainable employment is well above the national average.

Participation measure figures, released by Skills Development Scotland, show that 91.2% of young people in Argyll and Bute aged between 16 and 19 are currently in employment, education or training – the national average being 87.6%. This means Argyll and Bute is in the top 10 of 32 local authority areas.

The data comes as a result of the Opportunities for All (OfA) pledge made by the Scottish Government to offer all young people in this age range support in seeking employment.

The Council’s Policy Lead for Education and Lifelong Learning, Councillor Rory Colville said, “Developing our young workforce is inextricably linked with Argyll and Bute Community Planning Partnership’s Single Outcome 3; Education, skills and training maximises opportunities for all.

"This report highlights the efforts that have been made to support young people by all partners that has enabled our young people to make positive progress and access appropriate pathways into work."

For further information visit https://www.skillsdevelopmentscotland.co.uk/news-and-events/news/new-mea...