Làrach-lìn Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air leth mhillean neach-tadhail a tharraing

Published Date: 

19 Oct 2015 - 13:03

Tharraing làrach-lìn Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, leth mhillean neach-tadhail an-uiridh, agus bha 45% dhiubh a’ cleachdadh uidheaman-làimhe.

Tha seo a’ dol leis an sgrùdadh nàiseanta as ùire bho Ofcom a sheall gu bheil àrdachadh anabarrach mòr air a bhith san àireamh dhaoine a tha dol air an eadar-lìon tro uidheam-làimhe.

Rinn Ceannard Phoileasaidhean na Comhairle airson Seirbheisean Fiosrachadh Teicneòlais is Taic do Luchd-cleachdaidh, an Comhairliche Dick Walsh, moladh air an obair a chaidh a dhèanamh agus làrach-lìn an ùghdarrais a’ cosnadh ceithir rionnagan bho Chomann Rianachd Fiosrachadh Teicneòlais (Socitm). Thuirt e, “Tha làrach-lìn aig a’ chomhairle a tha air duaisean a chosnadh agus air am faigh daoine le uidheaman-làimhe làn chothrom, agus tha sin a’ ciallachadh gu bheil ar làrach air aon den fhichead as fheàrr aig ùghdarrasan ionadail san Rìoghachd Aonaichte.

“Tha mar a tha piseach air tighinn air ruigsinneachd ar làrach-lìn a’ ciallachadh gum faigh barrachd dhaoine cothrom air agus gun tèid againn air seirbheis nas iomlaine agus nas goireasaiche a thoirt do dhaoine sna dachaighean aca agus nuair a tha iad a’ siubhal no a-muigh.

“Tha an làrach-lìn mar uinneig trom faod duine sam bith air an t-saoghal sealladh fhaotainn air Earra-Ghàidheal is Bòd agus air an iomadh cothrom eadar-dhealaichte a gheibhear an seo a tha a’ fàgail na sgìre mar àite air leth airson a bhith fuireach ann, ag obair ann, a’ tadhal air agus airson gnothachas.”

Le bhith tadhal air làrach-lìn na comhairle faodaidh tu:

  • clàradh gus an geàrr-chunntas air naidheachdan na comhairle fhaighinn gach seachdain agus fios eile air a’ phost-d
  • foirm air-loidhne a lìonadh gus iarrtasan, ceistean no molaidhean a chur thugainn
  • clàradh air an t-siostam fèin-fhrithealaidh aig a’ chomhairle gus cothrom fhaighinn air tòrr de sheirbheisean na comhairle air-loidhne
  • àireamhan-fòn na comhairle fhaighinn airson ceistean, fòn 01546 605522 agus brathan-teacsa gu 07860023933

 

Gheibhear làrach-lìn na comhairle le bhith tadhal air www.argyll-bute.gov.uk

 

 

Argyll and Bute Council’s website attracted half a million visitors last year, with 45% of them using mobile devices.

This reflects the latest Ofcom national survey which shows a huge increase in internet access from mobile devices.

The council’s Policy Lead for IT services and customer support, Council Leader Dick Walsh, praised the work which has seen the authority’s website win four stars from the Society of Information Technology Management (Socitm). He said, “The council has an award winning website fully accessible using mobile devices which has placed it in the top twenty local authority sites across the UK.

“The improved accessibility of the website allows us to reach more people and provide a fuller, more versatile service for people at home or on the move.

“The website is a window through which anyone in the world can view Argyll and Bute and the many and varied opportunities which show this area as a great place to live, work, visit and do business.”

By visiting the council’s website you can

  • sign up to receive the council’s weekly news round-up and email alerts.
  • use the online contact form to send us any requests, questions or suggestions
  • register to the council’s self-service system in order to access many council services online
  • obtain the council’s enquiries numbers by phone 01546 605522 and text 07860023933