Adhartas ga dhèanamh le obair leasachaidh aig Port-adhair an Òbain

Published Date: 

16 Oct 2015 - 10:24

Thathar a’ dèanamh adhartas math air a’ chiad phròiseact aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid airson na h-iomairt leasachaidh, Raon Latharna, sin slighean inntrigidh a thogail is làrach ullachadh airson pàirce-ghnìomhachais aig Port-adhair an Òbain.

Tha an obair chladhaich a-nis deiseil, agus chaidh 1,000 tunna a bharrachd a thoirt air falbh gus an làrach a dhèanamh còmhnard.

Chaidh pìosan boga a chladhach, a chòmhdach agus a dhaingneachadh.

Am measg na h-obrach eile a chaidh a dhèanamh, chaidh an talamh ullachadh airson pìoban a chur sìos, bidh iad sin fìor chudromach airson nan goireasan a bhios a dhìth air an làrach san àm ri teachd, agus chaidh obair a thòiseachadh gus siostam drèanaidh a thogail.

Le bhith toirt an sgeama seo, luach £600,000, gu buil thèid slighean inntrigidh agus làrach Port-adhair an Òbain a leasachadh gus am bi e freagarrach airson pàirce-ghnìomhachais a stèidheachadh ann, agus thèid an sgeama a thoirt gu buil ann an dà ìre – bidh an rathad fhèin ann an toiseach agus an uair sin thèid coimhead ris an làrach.

Thathar an dùil crìoch a chur air an rathad dà-shligheach a tha 150 meatair a dh’fhaid ron t-Samhain 2015, agus mar phàirt den obair sin bidh cabhsair air aon taobh dheth, pìoban freagarrach, drèanadh agus solais-sràide.

 

Work on the first of Argyll and Bute Council’s Lorn Arc projects, a business park access scheme at Oban Airport, is going well.

The excavation work is now complete, with an extra 1000tonnes of earth removed to level the site.

Soft spots has also been excavated, capped and reinforced.

Other work has included initial ducting, which is vital to providing the future services to the site, as well as the start of drainage system construction.

This £600,000 scheme will see access improvements to the Oban airport site to open up a business park opportunity and will be delivered in two phases – the road itself first then the site specification after that.

The 150 metres of two-lane carriageway and single sided footway, with associated service ducting, drainage and street lighting, is expected to be complete by November 2015.