Rabhadh mu chleas-mheallaidh co-cheangailte ris an “sgeama uaine”

Published Date: 

19 Jun 2015 - 10:11

Rabhadh mu chleas-mheallaidh co-cheangailte ris an “sgeama uaine”

 

Tha an sgioba inbhean malairt aig Comhairle Earra-ghàidheal is Bhòid a’ toirt seachad rabhadh mu dhaoine a tha a’ cuir fòn gu daoine eile mu dhòighean uaine air cumhachd a’ shàbhaladh.

 

Tha daoine a tha a’ fuireach air feadh na sgìre air ìnnse gu bheil iad a’ faighinn fios air am fòn bho dhaoine a’ sireadh fiosrachadh mu na cairtean-banca aca gus pàigheadh airson measadh, gun fios sam bith ga thoirt seachad air cò nì an obair no cuin.

 

Tha an “sgeama uaine” a-measg sgeamaichean eile air an cruthachadh gus cuideachadh le cosgaisean ann a bhith a’ mathachadh èifeachdach cumhachd ann an dachaighean dhaoine agus tha e ag obrachadh le na sealbhadairean taighe a’ pàigheadh airson na leasachaidhean ann an  èifeachdais cumhachd thairis air bliadhnaichean tro na cunntasan dealan aca.

 

‘S e inbheisteadh airson an ùine-fhada a tha seo agus bu chòrr breith fharsaing a’ dhèanamh air an seo.

 

Ma tha daoine airson gun tig measadh a’ dhèanamh na’n dachaighean airson an “sgeama uaine”, chan fheum iad pàigheadh airson seo gus an tèid an obair a’ dhèanamh.

 

Tha seo a’ dìon dhaoine bho bhith a’ faighinn fios bho dhaoine eile thairis air am fòn, a’ gabhail pàigheadh airson measadh a’ dhèanamh agus an uairsin, a’ dèanamh às gun dùil sam bith aca an obair a’ dhèanamh.

 

Cha bu chòrr do dhaoine fiosrachadh banca no àireamhan chairtean, no fiosrachadh pearsanta a thoirt seachad do neach sam bith a tha a’ fònadh gun rabhadh.

 

Thuirt an Comhairliche, Daibhidh Kinniburgh, Ceannard air Poileasaidh airson Planadh is Seirbheisean Riaghlaidh: “A cheist is cudthromaiche a bu chòrr do dhaoine foighneachd mu na tairgsean seo, ‘s e: “A bheil thu a’ faireachdainn comhfhurtail gu leòr a’ toirt seachad fiosrachadh ionmhasail is pearsanta gu cuideign air nach eil thu eòlach agus a tha air fios a chuir thugad gun rabhadh?” Mar is àbhaist, ma tha coltas ro phrìseil air tairgse, chan eil dath na fìrinn ann. A chomhairle a bheireadh sinne do dhaoine ann an Earra-ghàidheal is Bhòid, an dol a-mach seo a’ sheachnadh agus fios a chuir gu Seirbheis Cleachdaidh Biùro Comhairleachaidh a’ Phobaill”.

 

Faodaidh daoine fòn a chuir gu Seirbheis Cleachdaidh Biùro a’ Phobaill air 03454 04 05 06 airson comhairle agus taic.

 

Airson fiosrachadh mionaideach fhaighinn air an “sgeama uaine”, faodaidh daoine fòn a chuir gu Home Energy Scotland air 0808 808 2282 no aig https://www.gov.uk/green-deal-energy-saving-measures

 

Tha barrachd fiosrachadh ri fhaighinn bho Energy Saving Trust Scotland