Freagraidh Taisbeanadh-Rathaid cheistean mu Thaic Fèin-Stiùiridh

Published Date: 

16 Jan 2015 - 11:54

Freagraidh Taisbeanadh-Rathaid cheistean mu Thaic Fèin-Stiùiridh

Bhiodh e feumail do chuideigin sam bith a tha faighinn taic bho chùram sòisealta, no tha smaoineachadh mu dheidhinn, a thighinn gu Taisbeanadh-rathaid Taic Fèin-Stiùiridh Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.  A bhith tadhal air na prìomh bailtean tron Fhaoilleach agus a’ Ghearran, thèid na taisbeanaidhean-rathaid a chumail ann an suidhichidhean neo-fhoirmeil le cothrom a bhith faighneachd cheistean mu thaic fèin-stiùiridh, barrachd fiosrachadh fhaighinn, mar a tha e ag obair ’s a’ bhuaidh air daoine agus an teaghlaich.

Bhon Ghiblean 2014, tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air a bhith toirt taic do dhaoine ann a bhith dealbhadh na seirbheisean taic aca fhèin le barrachd taghadh agus smachd dhaibh.  Le Taic Fèin-Stiùiridh tha co-dhunaidhean ann an làmhan dhaoine agus an teaghlaich le taic agus stiùreadh bho luchd-obrach sòisealta.

Gabhaidh taic fèin-stiùiridh a fhrithealadh ann an iomadah dòigh.  Gheibhear taic anns an dachaigh, mar cuideachadh le bhith gabhail amar no fras no nighe ’s an sgeadachadh fhèin.  Taobh a-muigh an dachaigh dh’ fhaodar taic fhaighinn le bhith dol gu colaist’, a bhith leantainn ann am fastadh, obair  ùr a ghaibhail, no barrachd rudan spòrsail.

Tha an taisbeanadh-rathaid a’ tadhal air Baile Bhòid, Dùn Omhain, Ceann Loch Chille Chiarain, Ceann Loch Gilb, Bail’ Eilidh, An t-Òban, Bogha Mòr agus Creag an Iubhair.  Thèid barrachd fiosrachadh air cuin ’s càit’ san sgìr’ agaiibhs’ fhoillseachadh anns na pàipearan ionadail.

 

Roadshow will answer questions about Self Directed Support

Anyone who is receiving social care support or who is thinking about getting support should come along to Argyll and Bute Council’s Self Directed Support Roadshow.

Visiting the main towns during January and February, the roadshows will provide an informal setting with the opportunity to ask questions about self directed support, find out more about it, how it works and how it may affect individuals and families.

Since April 2014, Argyll and Bute Council has been working to help people to have more choice and control over how their support services are designed. Self-directed support (SDS) places decision making into the hands of the individual and their family with help and guidance from social workers.

Self-directed support can be used in many ways. You can get support to live in your own home, such as help with having a bath or getting washed and dressed. Out of the home it could support you to attend college, to continue in employment, to take a job, or to enjoy leisure pursuits more.

The roadshow is visiting Rothesay, Dunoon, Campbeltown, Lochgilphead, Helensburgh, Oban, Bowmore and Craignure. Please check your local press for details of when and where the roadshow will be in your area.