Co-chomhairle na Comhairle air a’ bhuidseat a’ leantainn

Published Date: 

8 Dec 2015 - 12:18

Tha cha mhòr 700 neach air beachd a thoirt seachad air-loidhne mu thràth mar phàirt den cho-chomhairle a tha a’ Chomhairle a’ cumail air na bu chòir tachairt san àm ri thighinn, co-chomhairle a chaidh a thòiseachadh o chionn beagan sheachdainean.

Chuir Ceannard Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, an Comhairliche Dick Walsh, fàilte air na beachdan a fhuaras:

“Tha sinn mu thràth air tòrr a bharrachd bheachdan fhaighinn na fhuair sinn roimhe le co-chomhairlean eile.

“Seach gu bheil a’ Chomhairle a’ faighinn tòrr nas lugha de mhaoineachadh, feumaidh sinn co-dhùnaidhean gu math doirbh a dhèanamh a thaobh na nì sinn agus mar a nì sinn e san àm ri teachd. Tha sinn airson obrachadh còmhla ri ar coimhearsnachdan feuch an dèan sinn na co-dhùnaidhean ceart, ’s mar sin tha e glè mhath a bhith cluinntinn bho uiread dhaoine aig ìre cho tràth sa cho-chomhairle.

“Leis a’ cho-chomhairle seo tha sinn a’ toirt cothrom do choimhearsnachdan beachdachadh air raon farsaing de dh’obair na Comhairle. Tha sinn ag iarraidh orra innse dhuinn dè tha cudromach dhaibhsan.

“Tha na roghainnean a tha sinn air a thoirt do dhaoine a’ sealltainn dè cho dùbhlanach agus a tha an suidheachadh sa bheil na comhairlean – le dùil ri gearraidhean mòra sa mhaoineachadh againn chan eil roghainn againn, feumaidh sinn beachdachadh air seirbheisean a lùghdachadh no a thoirt air falbh, agus feumaidh sinn na dòighean-obrach againn atharrachadh.

“Feumaidh sinn airgead a shàbhaladh thar ùine fhada. Tha sinn airson na dòighean-obrach againn atharrachadh le taic bho ar coimhearsnachdan agus bidh am pròiseas sin a’ leantainn. Mar sin, tha sinn ag iarraidh air daoine pàirt a ghabhail sa phròiseas gus atharraichean a thoirt air obair na Comhairle agus gun tig molaidhean bhuapa a bheir cruth-atharrachadh air cùisean agus ris am bi daoine deònach a ghabhail.

“Tha sinn air àireamh mhòr de roghainnean a chomharrachadh gus airgead a shàbhaladh; tha barrachd ann na dh’fheumas sinn. Sin na roghainnean a dh’fheumas daoine a dhèanamh. Bu thoigh leam taing a thoirt don a h-uile duine a thug beachdan dhuinn, agus bhrosnaichinn duine sam bith nach do chuir freagairt thugainn fhathast sin a dhèanamh.”

Tha a’ cho-chomhairle ag iarraidh air daoine innse dhuinn gu dè an ìre a tha iad ag aontachadh no an aghaidh còrr is 140 roghainnean gus airgead a chùmhnadh an lùib grunn dhiofar sheirbheisean aig a’ Chomhairle.

Thathar cuideachd ag iarraidh beachdan bho dhaoine air ciamar as urrainn don Chomhairle barrachd airgid a chosnadh agus ciamar as urrainn dhuinn ar seirbheisean atharrachadh.

Mar a tha an Comhairliche Walsh a’ mìneachadh:

“Tha sinn air coimhead air diofar dhòighean san urrainn dhuinn nithean atharrachadh feuch am bi buidseat cothromach againn – bho mhodhan-obrach innleachdach no a’ togail airgead, gu bhith lùghdachadh no fiù ’s a’ stad pàirt den obair a tha sinn a’ dèanamh.

“Tha sinn air taghadh farsaing de bheachdan fhaighinn bhon phoball le diofar mholaidhean airson airgead a shàbhaladh, mar a dh’fheumas sinn, agus airson ar dòighean-obrach atharrachadh, agus tha sinn a’ cur fàilte mhòr air na molaidhean sin.”

Am measg nam beachdan a fhuaras tha: a’ lùghdachadh chosgaisean clò-bhualaidh is postachd, a’ lùghdachadh chosgaisean siubhail le daoine a’ cleachdadh chàraichean còmhla no tro choinneamhan air-loidhne seach aghaidh-ri-aghaidh agus a’ toirt seachad ar sgilean no goireasan air mhàl don roinn phrìobhaidich.

Thathar a’ toirt sùim do diofar bheachdan fhad ’s a tha a’ cho-chomhairle a’ leantainn. Thèid na beachdan a fhuaras air na chaidh a dhèanamh a chomharrachadh nuair a thèid toraidhean na co-chomhairle fhoillseachadh san Fhaoilleach 2016, mus tèid coinneamh a chumail sa Ghearran gus am buidseat aontachadh.

Thathar an dùil gun tèid maoineachadh na Comhairle a lùghdachadh gu mòr thairis air an ath chòig bliadhna. Tha na tuairmsean a th’ againn airson a’ bhuidseit a’ sealltainn gum bi easbhaidh luach eadar £21.7 is £26 millean sa bhuidseat againn, agus tha sin a’ ciallachadh gum feum sinn timcheall air £9 millean a shàbhaladh gach bliadhna ann an 2016/17 agus ann an 2017/18 le tuilleadh sàbhalaidh a dhìth sna bliadhnaichean às dèidh sin.

Thuirt an Comhairliche Walsh:

“Tha sinn airson gun urrainn dhuinn a h-uile rud a tha ar coimhearsnachdan ag iarraidh a dhèanamh dhaibh, ach le tòrr nas lugha maoineachaidh, cha ghabh sin a dhèanamh. Bidh sinn fhathast a’ toirt cosnadh do thòrr dhaoine. Cumaidh sinn oirnn a’ toirt seachad farsaingeachd sheirbheisean.

“Ge-tà, leis an lùghdachadh seo sa mhaoineachadh againn feumaidh atharraichean a bhith ann.

“Bhrosnaichinn a h-uile duine pàirt a ghabhail sa cho-chomhairle feuch an dèan sinn na co-dhùnaidhean ceart do dh’Earra-Ghàidheal is Bòd.”

Gheibhear a’ cho-chomhairle air-loidhne, agus fiosrachadh ùr do dhaoine a dh’iarr tuilleadh fiosrachaidh mu na roghainnean sàbhalaidh, air làrach-lìn na Comhairle aig www.argyll-bute.gov.uk/planningourfuture. Gheibhear lethbhric chlò-bhuailte den cho-chomhairle ann an leabharlannan is oifisean na Comhairle.

Cuideachd, bidh a’ Chomhairle a’ cumail còmhradh air-loidhne air Diciadain 16 Dùbhlachd aig 6f far am faod daoine ceistean fhaighneachd. Faodaidh sibh pàirt a ghabhail sa chòmhradh aig www.argyll-bute.gov.uk. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air mar a ghabhas sibh pàirt ann air an làrach-lìn nas fhaisge air an àm.

Ma tha sibh airson pàirt a ghabhail ann, ach nach urrainn dhuibh sin a dhèanamh air an 16mh, faodaidh sibh ceist a chur thugainn le post-d gu planningourfuture@argyll-bute.gov.uk, no le bhith fònadh 01546 604171.

 

Council budget consultation progresses

Nearly 700 people have responded on-line to the Council’s planning the future consultation in the first few weeks after its launch.

Leader of Argyll and Bute Council, Councillor Dick Walsh, welcomed the response:

“This is already a much higher level of response than we’ve had to previous consultations.

Drastically reduced funding means that the Council will have to make very difficult decisions about what we do and how we do it in future. We want to work with our communities in reaching the right decision so hearing the views already of so many people is extremely welcome.

Through this consultation we are opening up a wide range of the Council’s work for in-put from our communities. We are asking them to tell us about what matters to them. 

Options presented show the challenge that councils face – the drastic reduction in funding expected means that we have no choice but to consider reducing or withdrawing services, as well as changing how we work.

The need to make savings is long term. Transforming how we work is an on-going process that we want to achieve with our communities. We are therefore also inviting people to be part of changing how the Council works by putting forward transformational ideas that would be acceptable to them.

We have identified a high number of savings options, more than we need to take. There are choices to be made. I would like to thank everyone who has taken time to respond, and would encourage anyone who has not yet replied, to please give us your views.”

The consultationsasks people to indicate how much they agree or disagree with over 140 savings options, from a wide range of council services.

It also invites suggestions on how the Council could grow its income or transform its services.

Councillor Walsh explains:

“We have looked at different ways in which we can make changes to balance our budget – from innovation or raising income, to reducing or even stopping some of the work we do.

We are receiving a range of ideas from members of the public on different ways in which we could make the savings we need to make and transform our work, which is very welcome. “

Reducing print and postage costs, reducing travel costs through use of pool cars or on-line rather than face to face meetings, hiring out skills or facilities to the private sector – these are some examples of initial ideas put forward.

Ideas are being considered as the consultation progresses. Feedback on actions taken will be highlighted when findings from the consultation are reported in January 2016, in advance of the budget-setting meeting scheduled for February.

Over the next five years the Council’s funding is expected to be reduced significantly. Budget estimates show a funding gap of between £21.7 and £26 million, meaning a savings target of around £9 million in both 2016/17 and 2017/18 with further savings in future years.

Councillor Walsh said:

“We would like to do all that our communities want their Council to do for them, but drastically reduced funding means that this just is not possible. We will continue to be a major employer. We will continue to provide a wide range of services.

However this level of funding drop means that change must happen.

I would encourage as many people as possible to contribute to the consultation and to reaching the right decisions for Argyll and Bute.”

The on-line consultation, and an update for those who have requested additional information on savings options, is available on the Council’s website at www.argyll-bute.gov.uk/planningourfuture. Printed copies of the consultation are available in libraries and council offices.

The Council will also be holding a webchat on Wednesday 16 December at 6pm for anyone with additional questions. The webchat will be available on www.argyll-bute.gov.uk. Further details on how to participate will be available on the website nearer the time.

If you would like to be part of it, but cannot join the conversation on 16th, you are welcome to submit a question to planningourfuture@argyll-bute.gov.uk, or by calling 01546 604171.