Published Date:
Tha an Comhairliche Rory Colville, Ceannard Poileasaidh Foghlam agus Foghlaim Fhad-beatha aig Comhairle Earra-ghàidheal is Bhòid air meal-a-naidheachd a chuir air sgoilearan na sgìre airson an obair mhòr a rinn iad ann an deuchainnean na bliadhna-sa.
Thuirt an Comhairliche Colville: “ Tha gach sgoilear ann an Earra-ghàidheal is Bhòid airidh air aithne airson cho math ‘s a rinn iad am bliadhna. Bu thoigh leam meal-a-naidheachd a chuir air na sgoilearan againn air fad airson cho math ‘s a rinn iad agus airson an obair mhòr a rinn iad ag ullachadh airson na deuchainnean tron bhliadhna. A bharrachd air an sin, bu thoigh leam moladh a’ dhèanamh air an an taic bho luchd-obrach nan sgoiltean agus pàrantan na sgoilearan a th’air a bhith ga’m brosnachadh na’n soirbheasan fa leth.
“Cumaidh sinn òirrn’ a’ leudachadh air an obair mhòr a chaidh a’ dhèanamh ann an seisean 2014/2015 gus dèanamh cìnnteach gu
mair an t-soirbheas seo a-measg an òigridh a tha a’ fàs suas agus a bhios a’ dol an sàs anns am frèam deuchainnean ùra.”
Am bliadhna shuidh còrr is 1124 sgoilear ann an Earra-ghàidheal is Bhòid measgachadh nas farsainnge de dheuchainnean aig àrd-ìre agus àrd-ìre adhartach.
A thuilleadh air an sin, tha sgoilearan ann an Earra-ghàidheal is Bhòid a’ cosnadh teisteanasan eile leithid SVQ, ASDAN, duaisean Dìuc Dhùn Èideann is Urras a’ Phrionnsa, a’ toirt barrachd cothrom dhaibh a’ dhol air adhairt gu foghlam àrd-ìre, trèanadh no cosnadh. Tha na h-àireamhan mu-dheireadh seo a’ dearbhadh gu bheil sgoilearan Earra-ghàidheal is Bhòid a’ faighinn an taic cheart nuair a thig e gu bhith a’ lorg cosnadh, a’ dol gu foghlam adhartach no aig àrd-ìre no trèanadh le 91% a’ dol sìos an t-slighe a tha iad a’ sireadh.
Ma tha ceist sam bith aig pàrant no sgoilear a bha an sàs ann an deuchainnean na bliadhna-sa a thaobh mar a chaidh dhaibh, bu choir dhaibh fios a chuir dìreach chun an sgoil aca fhèin.
Councillor Rory Colville, Argyll and Bute Councillor’s Policy Lead for Education and Lifelong Learning has congratulated Argyll and Bute pupils on their hard work in this year’s exams.
Councillor Colville said. “All pupils in Argyll and Bute deserve recognition for their achievements this year. I would offer my sincere congratulations to all of our pupils on their achievements, and on the hard work they have put into exams during this year. In addition, I would like to recognise the support of staff in all our schools and the parents of our pupils who have encouraged their young people in all of their individual achievements.
“We will continue to build on the considerable work undertaken in session 2014/2015 to ensure continuing success for future groups of our young people participating in the new qualifications framework.”
This year over 1124 Argyll and Bute pupils sat an increasing range of higher and advanced higher qualifications.
In addition, significant numbers of pupils in Argyll and Bute are achieving alternative qualifications including SVQ’s, ASDAN’S (Award scheme development and accreditation network) Duke of Edinburgh and Prince’s Trust awards giving them better chance of moving on to further education, training or employment. The latest figures demonstrates that Argyll and Bute pupils are being effectively supported when it comes to getting a job, going into further and higher education or training with 91% sustaining a positive destination.
Should any parent or pupil involved in this year’s exams have any questions regarding results they are asked to make contact with their local school directly.