“Eaconomaidh làn chothroman” ann an Earra-ghàidheal is Bhòid

Published Date: 

5 Nov 2014 - 10:31

Chuala àrd-choinneamh air an eacononaidh gu bheil “eaconomaidh làn chothroman” ann an Earra-ghàidheal is Bhòid a dh’fhaodadh an cuir gu feum le bhith a’ cruthachadh ceangalan nas fheàrr ann an àiteachan diofraichte gus an deànamh cho soirbheachail ‘s a ghabhas.

Chruinnich prìomh luchd-gnìomhachais bho Earra-ghàidheal is Bhòid, còmhla ri riochdairean bhon roinn phoblach ionadail agus nàiseanta ann an Dùn Omhainn air Dicaidain an 29mh den Dàmhair. Thàinig iad còmhla ri luchd-poileataigs ionadail is nàiseanta airson Àrd-choinneamh Eaconomaidh Earra-ghàidheal is Bhòid – deasbad innsgineach is dearbhach airson soillseachadh a dheànamh air an t-slighe air adhairt airson àireamh-shluaigh an sgìre àrdachadh agus piseach a thoirt air an eaconomaidh ionadail.

Chuir an àrd-choinneamh, a bh’air a chuir air dòigh le Com-pàirteachas Dealbhaidh Coimhearsnachd Earra-ghàidheal is Bhòid, leis an neach-naidheachd Mark Stephen anns a chathair, fàilte air am Ball Fìor Urramach, Alistair MacIlleMhìcheil, Rùnaire na h-Alba agus Mgr Iain Swinney, Rùnaire a Chaibineit airson Ionmhas is Cinneas Seasmhach, mar phrìomh luchd-labhairt.

Ach am fochair leotha bha taisbeanaidhean bho luchd-gnìomhachais is daoin’ òga stèidhichte anns an sgìre, Comhairle Earra-ghàidheal is Bhòid agus Buidheann Dealbhaidh Coimhearsnachd, Buidheann Turasachd Nàiseanta na h-Alba, Iomairt na h-Alba/Gàidhealtachd is nan Eilean, Co-chomann Turasachd Earra-ghàidheal is nan Eilean agus Colaisde Dhùthchail na h-Alba.

Bha e na amas aig an àrd-choinneamh a bhith a’ stiùireadh fàs eaconomach is àireamh-shluaigh a chruthaicheas bliadhnaichean àghmhor do dh’Earra-ghàidheal is Bhòid.

Bha naidheachd mhòr an latha ag ìnnse mu stèidheachadh Fòram Eaconomaidh Seasmhach Earra-ghàidheal is Bhòid. Com-pàirteachas poblach/prìobhaideach a’ stiùireadh atharrachadh eaconomach ann an Earra-ghàidheal is Bhòid, cuiridh am fòram seo cruth air lèirsinn ro-ìnnleachdail airson an àm ri teachd agus a bhios, gu cudromach, air a stiùireadh le saoghal a ghnìomhachais.

A HIGH level economic summit heard that Argyll and Bute has ‘an economy full of opportunities’ which can be harnessed by forging better connections in all sorts of areas in order to turn them into real successes.

Key players from Argyll and Bute’s business community, along with local and national public sector representatives, gathered in Dunoon on Wednesday 29 October. They joined local and national politicians for the Argyll and Bute Economic Summit – a dynamic and positive discussion which has highlighted clear routes forward to increase the area’s population and boost the local economy.

The summit, hosted by Argyll and Bute Community Planning Partnership and chaired by journalist Mark Stephen, welcomed the Rt Hon Alistair Carmichael, Secretary of State for Scotland and Mr John Swinney, Cabinet Secretary for Finance and Sustainable Growth, as the keynote speakers.

Alongside them were presentations from Argyll and Bute-based businesses and young people, Argyll and Bute Council and Community Planning Partnership, Visit Scotland, Scottish/Highlands and Islands Enterprise, Argyll and the Isles Tourism Co-operative and Scotland’s Rural College.

The summit’s focus was driving forward the economic and population growth that will secure a prosperous future for Argyll and Bute.

The day’s big announcement outlined the creation of the Argyll and Bute Sustainable Economic Forum (ABSEF). A public/private partnership which will drive forward economic change in Argyll and Bute, ABSEF will shape that strategic vision for the future and will, crucially, be business led.