Published Date:
Le còig seachdainnean ri dhol mus tadhail turas-phàirteach làmhchrann na Bànrigh air Earra-ghàidheal is Bhòid, tha obair ullachaidh ga dheànamh ann an coimhearsnachdan air feadh na sgìre gus an tachartas a’ chomharrachadh.
Air Didòmhnaich an 13mh den Iuchar, bidh an làmhchrann a’ siubhal còrr is 170 mìle timcheall Earra-ghàidheal is Bhòid, bhon An Apainn, Meudarloch, Caisteal Dhùn Staidhinis, agus An t-Òban gu Cille Mhàrtainn, Dùn Add, An Càrn Bàn, Ceann Loch Gilb, An Fhùirneis, Inbhir Aora, Srath Chura agus Dùn Omhainn.
Thuirt an Comhairlaiche Robin Currie, Ceannard Poileasaidh Coimhearsnachd is Cultar:
“Tha ùidh ag èirigh anns an turas-phàirteach agus tha daoine air feadh Earra-ghàidheal is Bhòid ag obair cruaidh airson deànamh cìnnteach gum bidh an tachartas seo soirbheachail agus tlachdail. Tha a chomhairle, ar com-pàirtichean agus saor-thagraichean ann an coimhearsnachdan air an t-slighe a’ deànamh oidhirp mhòr gus fèill a dheànamh air an obair luachmhor a tha luchd-giulain an làmhchrann air a dheànamh agus ‘s e cothrom a th’ann Earra-ghàidheal is Bhòid a thaisbeanadh gu daoine air feadh an t-saoghail. Bhiodh e math nam b’urrainn dhan h-uile duine pàirt a ghabhail anns an tachartas seo.”
Tha tachartasan comharrachaidh ga’n cuir air dòigh ann an coimhearsnachdan air an t-slighe, bho farpais cearcail hùla, gu rèis fad mìle, gu sgeama duaisean saor-thagraichean spòrs, luchd-cluiche sràide agus luchd-ciùil.
Tha planaichean ga’n cuir an grìomh cuideachd airson deànamh cìnnteach gum bidh an luchd-amharc sàbhailte air an latha.
Tha a chomhairle a’ lorg saor-thagraichean airson a bhith na’n stiùbhardan aig an tachartas. Bidh na stiùbhardan a’ toirt seachad fiosrachadh agus a’ cuideachadh a phobaill, agus ag obair còmhla ri agus fo stiùir Oifigearan Poilis Alba airson deànamh cìnnteach gum bidh an sluagh sàbhailte. Ma tha thu seachad air 16 agus ma tha e a’ còrdadh riut a bhith ag obair mar phàirt de sgioba, cuir fios gu qbr@argyll-bute.gov.uk aison tuilleadh fiosrachadh. Bidh trèanadh ga thoirt seachad.
Bidh tuilleadh fiosrachadh mun turas-phàirteach làmhchrann na Bànrigh ann an Earra-ghàidheal is Bhòid anns na seachdainnean ri teachd aig www.argyll-bute.gov.uk/qbr