Published Date:
Le aire mhòr air spòrs thairis air an t-samhradh seo, tha Comhairle Earra-ghàidheal is Bhòid agus Spòrs Alba a’ cuir duais saor-thagraiche spòrs air bhog airson aithne agus taing a thoirt do chòidseachan saor-thoileach a tha ag obair aig ìre ionadail airson an obair anns a bheil iad an sàs ann an coimhearsnachdan air feadh na sgìre.
Tha Geamaichean a Cho-fhlaitheis 2014 ann an Glaschu agus soirbheas na lùth-chleasaichean a tha a’ gabhail pàirt a’ brosnachadh tòrr ùidh ann an spòrs.
Tha saor-thagraichean air feadh Earra-ghàidheal is Bhòid a’ toirt seachad tòrr ùine is an cuid sgilean do dhaoin’ òga agus daoine nach eil cho òg airson cuideachadh a thoirt dhaibh gus beatha fhrogail a’ leantainn agus gus an aithnich iad na sgilean spòrs aca fhèin.
Tha an sgeama duaisean seo mu-dheidhinn a bhith ag aithneachadh an oidhirp a tha na saor-thagraichean spòrs a’ deànamh agus a bhith a’ comharrachadh cho soirbheachail ‘s a tha an obair anns a bheil iad an sàs anns na coimhearsnachdan ann an Earra-ghàidheal is Bhòid.
Tha saor-thagraichean aig fìor chridhe leasachadh spòrs. Ris cho dealasach ‘s a tha na saor-thagraichean, tha iad a’ cruthachadh chothroman a tha a’ toirt deagh bhuaidh air beatha dhaoin’ eile.
Ma tha thu eòlach air cuideigin a tha air ùine mhòr a chuir seachad ag obair gu saor-thoileach ann an spòrs agus a th’air a bhith a’ brosnachadh dhaoin’ eile, dh’fhaodar taing a thoirt dhaibh le bhith a’ cuir an ainm air adhairt airson duais.
Tha dà dhuais ann. Saor-thagraiche na Bliadhna airson neach sam bith a tha 26 neo nas aosda; Saor-thagraiche Òg na Bliadhna airson neach sam bith suas gu 25.
Tha foirmean-iarrtais ri fhaighinn bho Ionadan Spòrs, neo bho active.schools@argyll-bute.gov.uk Feumaidh na foirmean-iarrtais a bhith a-staigh ro Dihaoine 27mh den Ògmhios.
Bidh an fheadhainn a bhuannaicheas Duaisean Earra-ghàidheal is Bhòid air an cuir air adhairt gu duaisean nàiseanta Spòrs Alba nas anmoiche ‘s a bhliadhna.
‘S e buidheann airson spòrs a tha ag obair aig ìre nàiseanta a th’ann an Spòrs Alba agus a bhios a’ toirt aithne do chòidseachan bho air feadh na dùthcha agus an obair luachmhor anns a bheil iad an sàs. Airson tuilleadh fiosrachadh mu na duaisean nàiseanta agus dè tha Spòrs Alba a’ deànamh airson obair còidse, thig gu www.sportscotland.org.uk/covawards