Bookbug Gàidhlig

Published Date: 

26 Jun 2014 - 11:31

Bhon a’ stèidhicheadh Furan, an Ionad Gàidhlig aig Comhairle Earra-ghàidheal is Bhòid anns an Òban, tha e a’ toirt cothrom do luchd-fileanta na Gàidhlig tighinn còmhla, a’ tabhann bùthan-obrach do luchd-ionnsachaidh agus a’ brosnachadh ùidh anns a Ghàidhlig a-measg clann agus am pàrantan.

Mar phàirt dhan an oidhirp ann a bhith a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig tha seiseanan Book bug Gàidhlig air a bhith air an stèidheachadh anns        An Òban, Ceann Loch Gilb, le ùidh mhòr ga shealltainn ann an Dùn Omhainn, as dèidh seiseanan paidhleat air gabhail àite.

Tha na seiseanan Bookbug ann am Furan gach Disathairne aig 10.30m agus ann an Leabharlann Cheann Loch Gilb air Diciadain aig 10.30m. Tha gach seisean a’ dol bho neart gu neart le teaghlaichean ùra a’ nochdadh a h-uile seachdainn.

Tha seiseanan Gàidhlig neo dà-chànanach, cuideachd ann an Srath na h-Apainn, Dal Mhàilidh, Ìle agus ann an Ionad Eaglais Ghlencruitten anns an Òban.

Tha a chomhairle a’ dol an sàs ann an seo as dèidh iomadh iarrtas bho phàrantan gum biodh barrachd thachartasan Gàidhlig ann dha’n cuid chloinne, as dèidh seiseanan Bookbug Beurla a bhith air an stèidheachadh air feadh Earra-ghàidheal is Bhòid.

Tha gach seisean Bookbug an asgaidh agus tha iad ag amas gum faigh leanabhain, caodachain agus clann ann an sgoiltean-àraich an cothrom eòlas a chuir air sgeulachdan, òrain is duain ann an àruinneachd shocair.

Bhon a stèidhicheadh Furan, an Ionad Gàidhlig againn anns An Òban, tha na goireasan againn bùthan-obrach adhartach Gàidhlig a thoirt a-mach dha na sgìrean againn.