Published Date:
Tha coimhearsnachdan air feadh Earra-ghàidheal is Bhòid air brosnachadh fhaighinn as dèidh do 94 buidhnean coimhearsnachd taic airgid luach £140,000 a’ chosnadh troimh thabhartasan an Treas Roinn ann an 2014.
Tha sgeama tabhartasan an Treas Roinn ag amas air a bhith a’ toirt taic do choimhearsnachdan agus daoine so-leònte agus breab-tòiseachaidh a thoirt do phròiseactan gus tachartasan ùra. Tha a chomhairle gu mòr airson a bhith a’ brosnachadh buidhnean ùra le beachdan ùra cuir a-steach airson na tabhartasan.
A-nis, thathar ag iarraidh air buidhnean coimhearsnachd cuir a-steach airson tabhartasan an Treas Roinn aig Comhairle Earra-ghàidheal is Bhòid airson 2015. Feumaidh na bileagan-iarrtais a bhith air an tilleadh ro Diluain 2 den Ghearran 2015 gus an tig co-dhùnadh a dheànamh aig coinneamh a Chomataidh Sgìreil anns a Ghiblean.
Tha bileagan-iarrtais ri’m faighinn bho Ionad Cille Mhìcheil, Ionad-coimhearsnachd Cinn-Tìre, Ionad-coimhearsnachd Ceann Loch Gilb, Ionad Foghlam Coimhearsnachd Latharna, Ionad Moat, Eilean Bhòid neo Ionad Foghlam Coimhearsnachd Dhùn Omhainn neo gheibhear na foirmean aig:
www.argyll-bute.gov.uk/council-and-government/third-sector-grants
Community life all over Argyll and Bute has received a boost after 94 community groups were awarded a total of £140,000 in Third Sector grants in 2014.
The Third Sector Grants programme is aimed at supporting communities and vulnerable people, and helping to kick start new projects and events. The council is always keen to encourage new groups with fresh ideas to apply for the grants.
Now, community groups are being encouraged to apply for Argyll and Bute Council’s Third Sector Grants for 2015. The deadline for the return of completed application forms for a decision at the April Area Committee meeting is Monday 2 February 2015.
Application forms are available from the Kirkmichael Centre, Kintyre Community Centre, Lochgilphead Community Centre, Lorn Community Learning Centre, the Moat Centre, Bute, or Dunoon Community Learning Centre or they can be accessed using the following link: www.argyll-bute.gov.uk/council-and-government/third-sector-grants