Published Date:
Tha sgioba slàinte na h-àrainneachd aig Comhairle Earra-ghàidheal is Bhòid air ìrean àrdaichte den lobhag Escherichia coli (E.coli) fhaicinn ann am maorach as dèidh sgrùdadh àbhaisteach aig Eriska Shoal, Loch Èite agus Caisteal an Stalcaire, Port na h-Apainn.
Ma dh’fhaoidte gun èirich trioblaidean slàinte ann an daoine a dh’itheas maorach mar srùbain, feusgain, eisirean neo muirsgain às an sgìre seo agus tha sanasan-rabhaidh air a bhith air an taisbeanadh ann an diofar àiteachan air a chladach.
Tha a chomhairle air a bhith a’ conaltradh ri luchd-buain mhaorach coimeirsealta anns an sgìre le ceumanan ga’n cuir an cèill airson dàil a chuir air àm-buain gus an ìoslaich na h-ìrean. Mar earalas ciallach, cha bu chòrr do dhaoine maorach anns an sgìre seo ithe airson an àm ri teachd. Tha obair sgrùdaidh na comhairle a’ leantail, agus nuair a thig na h-ìrean sios, thèid na sanasan-rabhaidh an toirt air falbh.
ARGYLL and Bute Council's environmental health team has identified raised levels of Escherichia coli (E.coli) bacteria in shellfish samples following routine monitoring work at Eriska Shoal, Loch Etive and Castle Stalker, Port Appin.
Eating shellfish such as cockles, mussels, oysters or razor fish from this area may pose a health risk, and warning notices for the public and casual gatherers have been posted at various locations on the shore. Commercial shellfish harvesters in the area have been contacted by the council, with steps taken to postpone harvesting until levels subside.
As a sensible precaution, people should avoid eating shellfish from this area until further notice.
The council’s monitoring work continues and, when levels subside, the warning notices will be removed.