Published Date:
Tha barrachd roghainn is smachd ga thoirt do dhaoine de gach aois air dè seòrsa taic a tha iad a’ faighinn gus deànamh cìnnteach gum faigh iad an cobhair a tha a dhìth oirre.
Tha Comhairle Earra-ghàidheal is Bhòid a’ strì gus cuideachadh a thoirt do dhaoine le barrachd roghainn is smachd ga thoirt dhaibh air mar a tha na seirbheisean taic aca air an cuir ri chèile. Le taic fèin-stiùirichte, tha e an urra ri gach neach fa leth agus an teaghlaichean, co-dhùnaidhean a dheànamh, le cuideachadh is stiùireadh bho luchd-obrach sòisealta.
Tha seo a’ ciallachadh gun tig atharrachadh mòr anns an dòigh a tha cobhair air a thabhann do gach neach-dèilige agus a thig gu buil air 1 Giblean 2014.
‘S urrainn taic fèin-stiùirichte a chuir gu feum ann an iomadh dòigh. Dh’fhaodar taic fhaighinn le cuideigin a’ fuireach nad’ dhachaigh,mar cuideachadh le bhith a’ gabhail amar, neo a bhith gad’ nighe fhèin agus le bhith a’ cuir ort d’aodach. Air taobh a-muigh an dachaigh, dh’fhaodar taic fhaighinn airson a dhol gu colaiste, a’ cumail ort ag obair, neo obair ùr a lorg, neo a bhith an sàs ann am barrachd chur-seachadan.
'S urra dhut taghadh a dheànamh eadar taic fhaighinn bho solaraichean seirbheis mar buidheann saor-thoileach, neo buidheann cùraim, neo ann a bhith a’ fastadh luchd-cuideachaidh pearsanta, neo measgachadh dhen dà chuid.
Thuirt Comhairlaiche Mary Jean Devon, Ceannard Poileasaidh airson Clann is Teaghlaichean: “Tha miannean is amasan aig a h-uile duine agus tha an dòigh-obrach ùr seo ag amas air cothroman a thoirt dhaibh gus an cuideachadh. Tha sinn a’ brosnachadh dhaoine gus smachd a ghabhail air an seòrsa cùram a tha a dhìth oirre agus am beatha a dheànamh cho sàsaichte ‘s a ghabhas, a’ deànamh cìnnteach gur e deagh bhuaidh a bhios aig seirbheisean air am beatha .”
Thuirt Comhairlaiche Dougie Philand, Ceannard Poileasaidh airson Cùraim Inbheach: “Bidh gach neach fa leth an sàs ann an seo, an teaghlaichean agus an caraidean, agus le stiùir bho neach-obrach sòisealta, bheirear sùil air na roghainnean a th’ann, maoineachadh nam measg.
“’S e atharrachadh glè chudthromach a tha seo ann an dòigh-obrach na comhairle agus an dòigh anns a bheilear a’ toirt taic do luchd-dèilige. Tha dùbhlain air thoiseach air a h-uile duine, ach ‘s e tha fainear dhuinn gum bidh deagh bhuaidh aig na h-atharraichean seo air a h-uile duine.”
Tha na h-atharraichean seo air a bhith air an cuir an grìomh le Pàrlamaid na h-Alba a chuir troimhe lagh ùr air taic cùraim sòisealta,
Achd Cùraim Shòisealta (Taic Fèin-stiùirichte) (Alba) 2013, a thig gu buil air 1 Giblean 2014.
Gheibhear fiosrachadh mu-dheidhinn taic fèin-stiùirichte neo dh’fhaodar ceistean a chuir air làrach-lìn na comhairle, aig www.argyll-bute.gov.uk/sds neo air am fòn 01546 605517.
Dh’fhaodar ceistean a chuir tron a cheangal làrach-lìn neo air post-dealan gu enquiries@argyll-bute.gov.uk
Dh’fhaoidte gun teid na ceistean agaibh a fhreagairt le bhith a’ dol gu “Ceistean Bitheanta” mu-dheidhinn taic fèin-stiùirichte aighttp://www.selfdirectedsupportscotland.org.uk/faq