Toraidhean is beachdan matha a’ tighinn bhon Chruinneachadh Ghàidhlig

Chaidh an dàrna Cruinneachadh Gàidhlig ann an Earra-Ghàidheal a chumail air Disathairne (2 Màrt)  ann an Talla a’ Chorrain san Òban.

Bha còrr is 60 neach an làthair airson latha air leth feumail is inntinneach,  far an robh am prìomh neach-labhairt, an Leas Phrìomh Mhinistear Iain Swinney BPA, ag iarraidh air daoine adhartas nas luaithe a dhèanamh gus piseach a thoirt air suidheachadh na Gàidhlig.

Thog luchd-labhairt eile air a’ chuspair sin ’s iad a’ bruidhinn air cùisean poileasaidh is leasachaidh, leithid Shona NicIllinnein bho Bhòrd na Gàidhlig agus an Dr Gillian Rothach a bha a’ bruidhinn às leth Ionad Chaluim Chille Ìle agus Sabhal Mòr Ostaig.

Bhruidhinn Ruairidh Greumach bho Àrainneachd Eachdraidheil Alba air an luach a tha a’ Ghàidhlig a’ cur ri dualchas na h-Alba, agus thog Raonaid NicCoinnich bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean air mar a tha an cànan a’ cur ri eaconamaidh na dùthcha. Rinn Dòmhnall Morris bho Spòrs Gàidhlig gu math soilleir cho cudromach ’s a tha e gum bi a’ Ghàidhlig air a cleachdadh le agus a’ tarraing dhaoine òga, agus bha an ùidh a th’ aig daoine òga sa chànan air a sealltainn gu soilleir le òraidean bho dhithis òg a bhios a’ dèanamh tòrr airson a’ Ghàidhlig a chur air adhart: an neach-ciùil Iain Mac a’ Ghobhainn agus an seinneadair is craoladair Kim Carnie.

Thuirt an Comhairliche Robin MacMhuirich, Ceann-Phoileasaidh airson na Gàidhlig: “Bha e fìor mhath fhaicinn mar a thàinig luchd acadaimigeach, luchd proifeiseanta, luchd-ionnsachaidh agus daoine bhon choimhearsnachd còmhla gus togail air an dealas a th’ againn uile airson a bhith a’ toirt fàs air mar a tha a’ Ghàidhlig air a cleachdadh sna coimhearsnachdan againn agus an lùib turasachd is dualchais. Bha e na thoileachas don Chomhairle leithid a bheachdan is mholaidhean matha fhaicinn agus tha sinn an dòchas togail orra agus adhartas a dhèanamh.”

Thuirt an Leas Phrìomh Mhinistear, John Swinney: “’S e tlachd a bh’ ann cuireadh fhaighinn a thighinn a bhruidhinn aig an dàrna Cruinneachadh Gàidhlig aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid. Tha na ceanglaichean eadar an sgìre agus a’ Ghàidhlig air a bhith ann gu math fada, agus tha beairteas annta, le iarrtas bho phàrantan airson barrachd Foghlam tron Ghàidhlig a’ sìor fhàs. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri na luchd labhairt eile an-diugh a chluinntinn, agus ri bhith ag obair còmhla ri Comhairle Earra-Ghàidheal augs Bhòid airson a’ Ghàidhlig a neartachadh sna mìosan a tha romhainn.”

Tha e mar phàirt de Phlana Gàidhlig na Comhairle airson 2018-2022 gun tèid Cruinneachadh Gàidhlig a chumail a h-uile dàrna bliadhna. Chaidh am Plana sin a dhealbh leis an amas barrachd dhaoine a bhrosnachadh gu bhith ag ionnsachadh agus a’ bruidhinn a’ chànain agus gus am feum as motha as urrainnear a dhèanamh de na buannachdan eaconamach a thig na lùib.

Chaidh aonta a chur ri Plana Gàidhlig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, a chaidh a thaisbeanadh aig an tachartas, sa Ghiblean 2018 agus tha am Plana a’ sealltainn nan dòighean san cuir a’ Chomhairle taic ri adhartachadh na Gàidhlig. Chithear am Plana Gàidhlig an seo: /sites/default/files/migrated_files/gaelic_language_plan.pdf

This story is also available in English at: /news/2019/mar/gaelic-gathering-hailed-great-success

Did you find what you were looking for?

Why wasn't this information helpful

Limit to 250 characters.