Iomairt margaidheachd airson Earra-Ghàidheal ag amas air luchd-tadhail à Glaschu

Published Date: 

3 Apr 2018 - 16:41

 

Tha iomairt turasachd ann an 2018 gu bhith a’ dèanamh follaiseach cho faisg ’s a tha tòrr de na h-àiteachan tarraingeach ann an Earra-Ghàidheal air Glaschu, gus luchd-turais à Glaschu a tharraing.

 

Bidh an iomairt, ‘Am Baile is an Dùthaich’, a’ sealltainn cho furasta ’s a tha e làithean-saora a ghabhail a tha a’ gabhail a-steach ùine ann am baile-mòr Ghlaschu agus ann an Earra-Ghàidheal, Oirthir nan Tachartasan Spòrsail, agus cho furasta ’s a tha e do mhuinntir Ghlaschu tadhal air Earra-Ghàidheal.

 

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ toirt seachad cha mhòr £60,000 airson na h-iomairt agus obair margaidheachd eile, agus tha iad a’ cur fàilte air £40,000 a bharrachd bho VisitAlba. Thèid an iomairt a lìbhrigeadh le Co-chomann Turasachd Earra-Ghàidheal is nan Eilean (CTEE), le taic-airgid bho dhiofar bhuidhnean eile leithid Glaschu Beò, ScotRail, Calmac agus CTEE fhèin.

 

Thuirt an Comhairliche Aileen Morton, an Ceann-Poileasaidh airson Leasachadh na h-Eaconamaidh:

 

“Tha turasachd na pàirt fìor chudromach de dh’eaconamaidh Earra-Ghàidheal is Bhòid. Tha cha mhòr cairteal de na h-obraichean san roinn phrìobhaidich a’ buntainn ri turasachd.

 

“Tha e furasta sanasachd a dhèanamh air Earra-Ghàidheal is Bòd mar sgìre iongantach do luchd-turais, agus tha an iomairt seo a’ toirt cothrom dhuinn sealltainn cho furasta ’s a tha e an sgìre a ruighinn agus cho faisg ’s a tha i air Glaschu. Tha mi toilichte gu bheil liuthad luchd-compàirt, a’ gabhail a-steach feadhainn bhon roinn phrìobhaidich, a’ cur an taice ris an iomairt seo.”

 

 

 

Fiosrachadh do Luchd-deasachaidh

 

  • Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh ann an aithisg airson coinneamh a chaidh a chumail o chionn ghoirid de Chomataidh Àrainneachd, Leasachadh is Bun-structair na Comhairle
    • Bidh Com-pàirteachas Turasachd Ro-innleachdail Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ planadh is a’ co-òrdanachadh chùisean airson na roinne, agus tha na buidhnean a leanas sa chom-pàirteachas:

      • Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

      • Co-chomann Turasachd Earra-Ghàidheal is Bhòid

      • Calmac

      • Leasachadh Feachd-obrach Òg Earra-Ghàidheal

      • Coimisean na Coilltearachd Alba

      • Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean

      • Dualchas Nàdair na h-Alba

      • ScotRail

      • VisitAlba

         

    • Chaidh an àireamh dhaoine a thadhail air na prìomh àiteachan turasachd ann an Earra-Ghàidheal is Bòd an àirde 6.9%, an coimeas ri 4.5% ann an Alba air fad, a rèir staitistearachd bhon Ionad Moffat, a fhuaras sna h-Aithisgean Sgrùdaidh aca air Luchd-tadhail aig na Prìomh Àiteachan Turasachd ann an Albaann an 2017 (Faoilleach - Samhain).

      Chaidh grunn iomairtean, a tha diofar bhuidhnean ionadail is nàiseanta air a chur an sàs mar thaic do thurasachd, a chomharrachadh aig coinneamh o chionn ghoirid de Chomataidh Àrainneachd, Leasachadh is Bun-structair na Comhairle, mar eisimpleirean den obair a thathar a’ dèanamh mar thaic do thurasachd ann an eaconamaidh Earra-Ghàidheal is Bhòid.

      Nam measg tha an còrr is £2 mhillean not a tha a’ Chomhairle air a chosg air marina ùr ann an Ceann Loch Chille Chiarain, agus an £3 millean a chosg iad còmhla ri luchd-compàirt eile gus goireasan pontùin a thogail san Òban.

      Tha pontùnaichean an Òbain air mu 5,000 neach-tadhail nàiseanta is eadar-nàiseanta a tharraing bho dh’fhosgail iad san Lùnastal 2017.

      Cuideachd, tha a’ Chomhairle air Sgrùdadh Luchd-obrach a bharantachadh gus faicinn dè na sgilean a dh’fheumas daoine a leasachadh gus cur ri turasachd san eaconamaidh ionadail thar ùine-fhada.

  •  

 

English language version