Published Date:
Thathar a’ cur an cuimhne ghnothachasan air feadh Earra-Ghàidheal is Bhòid gum bu chòir dhaibh dèanamh cinnteach gum faod iad soidhnichean sanasachd a chur suas mus cuir iad suas iad.
Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air stiùireadh ùr ullachadh le comhairle shoilleir do chompanaidhean is daoine ionadail.
Ma tha daoine am beachd soidhnichean ùra a chur suas, no feadhainn a th’ ann mu thràth ùrachadh, thathar ag iarraidh orra fios a chur chun na Comhairle mus dèan iad sin.
Thuirt an Ceann-Poileasaidh airson Taigheadais is Seirbheisean Riaghlaidh, an Comhairliche Daibhidh Kinniburgh: “Tha soidhnichean, co-dhiù a tha iad air togalach no air bòrd-fiosrachaidh air an t-sràid, a’ tighinn fo stiùireadh na Comhairle.
“Ged nach bi cead a dhìth airson cuid a shoidhnichean ’s dòcha, tòrr dhen ùine bidh aig gnothachasan ri cur a-steach airson cead dealbhachaidh no cead-cabhsair mus cuir iad soidhne suas.
“Sin carson a thug sinn an stiùireadh seo a-mach – gheibhear comhairle shoilleir ann a tha furasta a tuigsinn mu na soidhnichean a tha feumach air cead, agus air dè dh’fheumas sibh a dhèanamh gus cur a-steach airson cead.
“Leis a’ phoileasaidh seo, tha e na amas dèanamh cinnteach gum bi sanasan freagarrach ann, san àite cheart agus a chuireas ri tarraing na sgìre.”
Chithear am poileasaidh ùr airson soidhnichean air làrach-lìn na Comhairle: www.argyll-bute.gov.uk/ldp