Published Date:
Thathar a’ brosnachadh muinntir Earra-Ghàidheal is Bhòid ann a bhith a’ cuideachadh gus dìon a chur air clann is daoine òga bho dhaoine a dhèanadh cron orra.
Tha Comataidh Dìon Chloinne Earra-Ghàidheal is Bhòid ag iarraidh air daoine uallach a ghabhail airson dèanamh cinnteach gum bi clann sàbhailte.
Tha iad ag iarraidh air daoine innse don sgioba dìon chloinne ma tha dragh aca mu phàiste a dh’fhaodadh a bhith ann an cunnart.
Tha an Iomairt Dìon Chloinne ag amas air fiosrachadh a thoirt do phàrantan, daoine a tha ag obair le daoine òga is teaghlaichean, do na daoine òga iad fhèin agus don mhòr-shluagh, feuch an tuig iad gum feum iad rudeigin a dhèanamh nuair a tha clann feumach air dìon bho dhaoine a ghabhadh brath orra a thaobh feise.
Thuirt an Ceann-Poileasaidh airson Slàinte is Cùram Sòisealta, an Comhairliche Kieron Green: “Feumaidh a h-uile duineuallach a ghabhail gus clann is daoine òga a dhìon bho chunnart.
“Bidh sinn gu tric a’ smaoineachadh gum biomaid a’ gabhail gnothach ri cùis nach buin rinn, no nach biodh e ceart a bhith a’ togail dhraghan, ma tha amharas againn gu bheil rudeigin ceàrr sa choimhearsnachd againn. ’S dòcha nach eil sinn airson am fòn a thogail sinn fhìn, no gu bheil sinn a’ gabhail ris gum fòn cuideigin eile.
“Ge-tà, chan fhaod sinn gun a bhith a’ dèanamh dad – ’s e an rudas cudromaiche gum bi ar n-òigridh sàbhailte. Tha sinn ag iarraidh oirbh rudeigin a dhèanamh san spot agus innse dhuinn mu na draghan agaibh.
“Tha dleastanas fìor chudromach aig a h-uile duine againn – teaghlaichean, nàbaidhean, luchd-dreuchd agus buill den choimhearsnachd – gus dìon a churair clann. Gu fortanach, bidh a’ mhòr-chuid de chloinn a’ tighinn gu ìre ann an àrainneachd a tha sàbhailte far a bheil iad air an dìon, ach gu mì-fhortanach tha beag-chuidann nach eil.
“Feumaidh sinn obrachadh còmhla gus an dìon agus gus taic a thoirt dhaibh – tha e mar dhleastanas oirnn. Ma tha dragh sam bith aig duine, bu chòir dhaibh fios a chur chun an sgioba dìon chloinne againn sa bhad.”
Thathar a’ cur na h-iomairt air bhog air sàillibh gu bheil daoine nas mothachaile air mar a bhios daoine a’ gabhail brath air clann a thaobh feise às dèidh do mar a thachair o chionn ghoirid ann an àiteachan leithid Newcastle is Rotherham. Thathar ag amas air innse do dhaoine, a tha nas mothachaile air an trioblaid seo a-nis, mu dheidhinn dè bu chòir dhaibh a dhèanamh ma tha draghan aca mu chuideigin.
Tha stiùireadh ùr ri fhaotainn a thaobh clann air a bheilear a’ gabhail brath a thaobh feise, agus gheibhear e air làrach-lìn na Comhairle agus ann am bileagan. Chaidh a dhealbh a dh’aona-ghnothach airson clann is daoine òga, pàrantan is luchd-cùraim, luchd-dreuchd a tha ag obair còmhla ri daoine òga agus taighean-òsta agus companaidhean a tha a’ toirt àiteachan-fuirich do dhaoine.
Tha e ag innse dè th’ ann a bhith a’ gabhail brath air clann a thaobh feise, tha e ag innse mu na comharran a sheallas gu bheil e a’ tachairt agus ciamar a nithear cinnteach nach tachair e, agus tha ceanglaichean feumail ann ri comhairle bho bhuidhnean eile leithid an NSPCC.
Thuirt Cathraiche na Comataidh Dìon Chloinne, Moira NicFhionghain: “Bidh daoine a’ cur fios thugainn mu dhaoine sna coimhearsnachdan aca adh’fhaodadh a bhith ann an cunnart. Sin mar as urrainn dhuinn obrachadh còmhla gus taic a thoirt dhaibh agus dìon a chur orra.
“Feuch gun dèan sibhse an aon rud. Tha sinn feumach air ur cuideachadh gus an urrainn dhuinn na daoine as fheumaile air dìon a chuideachadh.”
Ma tha duine airson innse don sgioba dìon chloinne mu dhraghan a th’ aca mu neach òg, bu chòir dhaibh fònadh gu 01546 605517. Faodaidh sibh fios a chur air-loidhne cuideachd air ar làrach-lìn – www.argyll-bute.gov.uk/abcpc – far am faighear pailteas comhairle.
Ma tha sibh den bheachd gu bheil cuideigin an impis a bhith ann an cunnart,cuiribh fios chun a’ phoileis air 999.
Tha Comataidh Dìon Chloinne Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ toirt còmhla a h-uile buidheann a tha an sàs ann an dìon chloinne san sgìre.
https://www.argyll-bute.gov.uk/news/2017/sep/help-keep-children-and-youn...