Sìneadh air uairean fosglaidh aig an Nollaig is a’ Bhliadhn’ Ùir

Published Date: 

2 Oct 2017 - 10:34

Bidh cead aig taighean-seinnse is taighean-òsta a bhith fosgailte nas anmoiche aig an Nollaig is a’ Bhliadhn’ Ùir.

Dh’aontaich Bòrd Ceadachd Earra-Ghàidheal is Bhòid gum faod àiteachan aig a bheil cead deoch-làidir a reic cur a-steach airson a bhith fosgailte nas anmoiche thairis air an Nollaig is a’ Bhliadhn’ Ùir.

Thathar a’ brosnachadh thaighean-seinnse is thaighean-òsta gu bhith a’ cur iarrtas a-steach tràth – chan ann a-mhàin airson na Nollaig, ach nuair a tha iad a’ sireadh cead sònraichte aig amannan eile den bhliadhna cuideachd.

Thuirt Cathraiche a’ Bhùird Cheadachd, an Comhairliche Daibhidh Kinniburgh: “An-dràsta, ma tha neach le cead ag iarraidh sìneadh a thoirt air na h-uairean aca thairis air an Nollaig is a’ Bhliadhn’ Ùir, feumaidh iad cur a-steach airson sin co-dhiù 35 làithean ron tachartas dha bheil iad a’ sireadh uairean a bharrachd.

“Tha an ceann-latha sin, de 35 latha ro-làimh, cuideachd a’ buntainn ri daoine a tha a’ cur a-steach airson cheadan sònraichte air feadh na bliadhna airson àiteachan aig nach eil cead, leithid talla a’ bhaile.

“Tha sinn a’ faicinn barrachd is barrachd dhaoine a’ tighinn thugainn a’ sireadh cead aig a’ mhionaid mu dheireadh, aig àm nas fhaisge na 35 latha ro-làimh.

“Bidh an luchd-obrach ceadachd a’ dèanamh a h-uile oidhirp as urrainn dhaibh gus dèanamh cinnteach gun tèid an cead a thoirt seachad feuch an gabh an tachartas a chumail, no ann an àm airson na Nollaig. Thoradh tha iad airson gun tèid na tachartasan air adhart agus gum bi spòrs aig daoine, agus gun urrainn do thaighean-seinnse a bhith fosgailte beagan nas fhaide.

“Ge-tà, ma tha cus dhaoine a’ snaigheadh ris an uair leis na h-iarrtasan aca, gu h-àraidh faisg air an Dùbhlachd, fàgaidh sin an luchd-obrach dripeil againn fo uallach agus iad a’ feuchainn ris gach cead a thoirt seachad ann am àm.

“Tha e cuideachd a’ ciallachadh gu bheil cunnart ann nach tèid dèiligeadh ris a h-uile iarrtas ann an àm, agus dh’fhaodadh sin a bhith na bhriseadh-dùil mòr do chuid a dhaoine a tha a’ feuchainn ri tachartas a chur air dòigh sa choimhearsnachd aca, no a tha a’ coimhead air adhart ri bhith a’ dèanamh barrachd teachd-a-steach aig an Nollaig is a’ Bhliadhn’ Ùir.

“Chan eil sinn ag iarraidh cead a dhiùltadh do dhaoine, ach ma tha cus dhaoine a’ cur a-steach às dèidh a’ chinn-latha, dh’fhaodadh gun tachair sin.

“Fiù ’s ged as urrainn dhuinn dèiligeadh ris a h-uile iarrtas ann an àm, ma gheibhear iarrtasan fadalach, tha sin a’ ciallachadh gum bithear uaireannan a’ toirt cead seachad gu math faisg air an àm aig am bu chòir don tachartas a bhith air a chumail. Bidh daoine an uair sin a’ gabhail dragh nach fhaigh iad an cead ’s dòcha.

“Bidh e gu math a h-uile duine ma thèid na h-iarrtasan a chur a-steach ann an àm 35 latha no barrachd ron àm, feuch an urrainn dhuinn dèanamh cinnteach gun tèid a h-uile rud air adhart mar bu chòir agus feuch am faigh sibh an cead airson an tachartais no nan uairean fosglaidh agaibh.”

Bithear a’ gabhail ris gum faod sìneadh a bhith ann de uair a thìde air uairean fosglaidh àbhaisteach aig àm na Nollaig is na Bliadhn’ Ùire am-bliadhna. Tha an ùine airson sìnidhean a’ ruith bho Dhihaoine 8 Dùbhlachd gu Dimàirt 2 Faoilleach (a-staigh gu madainn an 3mh Faoilleach). Ma gheibh àite cead, obraichidh e mar a leanas: gheibh àite le cead gu 1m sìneadh gu 2m, gheibh àite le cead gu 2m sìneadh gu 3m.

Air 24, 25, 26 agus 31 Dùbhlachd is 1 Faoilleach, gheibh a h-uile àite sìneadh gu 3m ma chuireas iad a-steach air a shon.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh an seo: https://www.argyll-bute.gov.uk/trade-festive-licensing-hours-2017

For the English translation see - https://www.argyll-bute.gov.uk/news/2017/sep/extension-festive-trading-hours