Beachd Buidheann Ro-innleachdail Eileanan Earra-Ghàidheal air Bile nan Eilean

Published Date: 

2 Oct 2017 - 10:37

Tha taic mhòr ann gu h-ionadail airson Plana Nàiseanta nan Eilean a bhith ann, a rèir Buidheann Ro-innleachdail Eileanan Earra-Ghàidheal.

Às dèidh coinneimh den bhuidhinn a chaidh a chumail o chionn ghoirid, tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air freagairt a chur a-steach chun a’ cho-chomhairleachaidh aig Riaghaltas na h-Alba air Bile nan Eilean (Alba), a tha ag amas air barrachd cumhachd a thoirt do dh’eileanan na h-Alba agus barrachd feirt a thoirt air feuman nan coimhearsnachdan eileanach.

Thuirt an Comhairliche Robin MacMhuirich, cathraiche Buidheann Ro-innleachdail Eileanan Earra-Ghàidheal agus Ceann-Poileasaidh na Comhairle airson Choimhearsnachdan, Taigheadais, Eileanan is Gàidhlig:

“Chaidh an co-chomhairleachadh nàiseanta seo a chumail ann an dòigh gu math feumail is taiceil far an robh cothrom math aig coimhearsnachdan ionadail beachdan a thoirt seachad. Tha e cuideachd a’ ciallachadh gun urrainn don Chomhairle beachdan muinntir nan eilean againn a riochdachadh mar bu chòir.”

Dh’aontaich a’ bhuidheann gum bu chòir Plana Eileanan Earra-Ghàidheal is Bhòid a bhith ann mar thoradh air a’ phlana nàiseanta, agus chuidicheadh sin coimhearsnachdan eileanach le bhith a’ dèiligeadh ri dùbhlain agus le bhith a’ cur ris an eaconamaidh gu h-ionadail. Chaidh aontachadh cuideachd gum biodh na modhan-aithris a bhathar a’ moladh a’ ciallachadh gum biodh Riaghaltas na h-Alba na bu chunntachaile do choimhearsnachdan eileanach, agus gum chòir cothrom a bhith aig na coimhearsnachdan sin gus beachdan susbainteach is èifeachdach a thoirt seachad air mar bu chòir don Phlana Nàiseanta a bhith air a dhealbh.

Thuirt an Comhairliche MacMhuirich:

"Tha Bile nan Eilean (Alba) a’ toirt aithne do na feuman sònraichte a th’ aig na h-eileanan againn, agus tha e mar mheadhan gus barrachd cumhachd a thoirt dhaibh feuch an tig iad am feabhas agus air adhart. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ faicinn gach ceum den Bhile fhad ’s a tha e a’ dol tro Phàrlamaid na h-Alba agus ri bhith a’ faicinn mar a chuidicheas ar coimhearsnachdan eileanach le bhith a’ dealbh Plana Nàiseanta nan Eilean a bhios na phàirt cudromach den Achd ùir.”

Chùm a’ bhuidheann grunn choinneamhan, air a’ fòn agus tro cheangal-bhidio, le riochdairean bho dhiofar choimhearsnachdan eileanach agus bha an fhreagairt a chaidh a chur a-steach a’ gabhail a-steach nam beachdan a chualas bhon fheadhainn a ghabh pàirt sna coinneamhan sin.

Tha 23 eileanan ann an Earra-Ghàidheal is Bòd air a bheil daoine a’ fuireach, agus gach fear dhiubh le feuman is feartan eadar-dhealaichte. Stèidhich a’ Chomhairle Buidheann Ro-innleachdail Eileanan Earra-Ghàidheal mar mheadhan gus iomairtean a thoirt air adhart agus gus obrachadh còmhla ri Comhairlean eileanach eile a chum maith coimhearsnachdan eileanach Earra-Ghàidheal.

Chithear an fhreagairt an seo – https://www.argyll-bute.gov.uk/moderngov/documents/s120242/Islands%20Bill%20Consultation%20Response.pdf

Chithear fios mun cho-chomhairleachadh air Bile nan Eilean (Alba) aig - http://www.parliament.scot/parliamentarybusiness/CurrentCommittees/105389.aspx agus tha e fosgailte gu 25 Sultain 2017.

For the English translation see - https://www.argyll-bute.gov.uk/news/2017/sep/argyll-islands-strategic-group-responds-islands-scotland-bill