Published Date:
Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ cur taic ri iomairt ùr gus stad a chur air inbhich a tha a’ ceannach no a’ toirt thoiteanan do chloinn no òigridh.
Tha Roinn nan Inbhean Malairt air aontachadh taic a thoirt don iomairt nàiseanta #notafavour.
Bidh a’ mhòr-chuid de dhaoine fo 18 a tha a’ smocadh a’ faighinn an tombaca aca bho charaidean, càirdean agus daoine eile as aithne dhaibh, agus na daoine sin gu tric a’ smaoineachadh gu bheil iad ‘a’ dèanamh fàbhar dhaibh’.
Leis an iomairt, #notafavour, thathar airson a dhèanamh soilleir do dhaoine ma chuidicheas iad daoine òga gus toiteanan fhaighinn, gum faodadh gum faigh tombaca smachd air na daoine òga sin agusgun dèan e cron air an slàinte agus gum bi duilgheadasan aca a thaobh airgid.
’S iad an Iomairt a thaobh Smocaidh is Slàinte (ASH) ann an Alba agus an Caidreachas airson Alba gun Tombaca a chuir an iomairt air chois.
Tha e mar phàirt de dh’iomairt nàiseanta gus lùghdachadh a thoirt air an àireimh de dhaoine òga a tha a’ tòiseachadh a’ smocadh gach latha – 36 – feuch am bi cothrom aig an ath ghinealach a bhith a’ fàs suas gun smocadh agus an cron a nì e.
Thuirt Ceann-Poileasaidh na Comhairle airson Seirbheisean Planaidh is Riaghlaidh, an Comhairliche Daibhidh Kinniburgh: “Cha tigeadh e a-steach idir air a’ mhòr-chuid de dhaoine toiteanan a cheannach do chloinn is daoine òga.
“Gu mì-fhortanach, ge-tà, tha daoine ann a bhios a’ dèanamh sin. Sin carson a tha sinn airson ceist a chur sna beachdan is dòighean-smaoineachaidh a th’ aig na daoine a cheannaicheas toiteanan do chloinn – chan eil sibh a’ dèanamh fàbhar idir dhaibh.
“Tha Roinn Inbhean Malairt Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid ro dheònach taic a thoirt don iomairt #notafavour. ’S mòr as fhiach an iomairt – tha sinn a’ cur dìon air an ath ghinealach bho chron is fulangas a dh’fhaodadh leantainn nam beatha fad iomadach bliadhna.
“Bidh daoine òga a’ tighinn fo smachd thombacanas luaithe na inbhich, agus ’s e sin adhbhar eile airson stad a chur air seo. ’S iomadh inbheach a thòisich a’ smocadh nuair a bha iad nam pàiste agus tha iad a’ gabhail aithreachas a-nis. Feuchaidh sinn còmhla ri stad a chur air seo gus stad a chur air daoine òga bho bhith a’ smocadh.”
Ma tha sibh airson innse mu shuidheachaidhean far a bheil sibh an amharas gu bheil cuideigin a’ ceannach tombaca do dhaoine òga, faodaidh sibh fòn a chur gu Roinn Inbhean Malairt Earra-Ghàidheal is Bhòid air 01546 605519. Tha e mì-laghail stuthan le tombaca a reic do dhaoine a tha fo 18.
DEIREADH
Gabhaidh taghadh de stuthan iomairt a luchdachadh a-nuas bho www.notafavour.scot
Gheibhear fiosrachadh air an iomairt #notafavour aig www.notafavour.scot
https://www.argyll-bute.gov.uk/news/2017/nov/council-backs-clampdown-cig...