Dùbhlain, roghainnean is atharraichean - co-chomhairleachadh air seirbheisean na Comhairle

exclamation icon
This page contains archived news material that may no longer be accurate. Please bear this in mind when referring to this page or using any information on it to access council services. Read our current news.

Published Date: 

23 Nov 2017 - 10:06

Thathar ag iarraidh air daoine bho air feadh Earra-Ghàidheal is Bhòid na beachdan aca a thoirt seachad air mar a ghabhas planadh airson seirbheisean na Comhairle agus dùil ann gun tèid tuilleadh lùghdachaidh a thoirt air maoineachadh na Comhairle thairis air an ath thrì bliadhna.

Thuirt Ceannard na Comhairle, an Comhairliche Aileen Morton:

“Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ toirt sheirbheisean seachad gach latha a tha a’ toirt taic dha na daoine as òige, as sine agus as feumaiche air taic sna coimhearsnachdan againn. Tha sinn ag obair fad na bliadhna gus frithealadh air feuman ar coimhearsnachdan is gnothachasan ionadail gus fàs a thoirt air an eaconamaidh agus nì sin cinnteach gun tig barrachd dhaoine a dh’fhuireach san sgìre agus gun tèid barrachd obraichean a chruthachadh an seo feuch an soirbhich leinn san ùine air thoiseach.

“Tha e a’ sìor fhàs doirbh na rudan seo a thoirt gu buil ri linn nan gearraidhean a chunnacas sa mhaoineachadh againn sna beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh. Leis cho mòr ’s a tha na suimeannan airgid a tha sinn a’ sùileachadh a dh’fheumas sinn a chùmhnadh sna bliadhnaichean ri thighinn, bidh againn ri roghainnean doirbhe a dhèanamh agus atharrachadh mòr a thoirt air na dòighean sa bheil sinn ag obair dha agus còmhla ri ar coimhearsnachdan.”

Tha 80% de mhaoineachadh na Comhairle a’ tighinn bho Riaghaltas na h-Alba.

Thathar a’ tuairmse gu bheil toll luach eadar £0.9m is £8.5m gu bhith ann am buidseat na Comhairle airson 2018/19, agus gum bi easbhaidh iomlan sa bhuidseat thairis air an ath thrì bliadhna luach eadar £11.1m agus £33.9m.

Lean an Comhairliche Morton oirre:

“Aig an ìre seo, chan eil sinn buileach cinnteach dè tha romhainn – thathar an dùil gun tig dearbhadh bho Riaghaltas na h-Alba air an ìre mhaoineachaidh againn airson 2018-19 san Dùbhlachd 2017 agus feumaidh sinn buidseat aontachadh ro mheadhan a’ Ghearrain.

“Tha fios againn, ge-tà, gum feum atharraichean a bhith ann. Tha sinn air co-dhùnaidhean a dhèanamh mu thràth le taic bho choimhearsnachdan a tha air atharrachadh a thoirt air obair na Comhairle.

 “Leis gu bheil againn ri milleanan de notaichean a shàbhaladh, bu toigh leinn cuideachadh fhaighinn bho dhaoine aon uair eile ann a bhith a’ dèanamh an fheum as fheàrr den ionmhas is de na goireasan a th’ againn agus bhrosnaichinn muinntir na sgìre a bhith a’ toirt am beachdan dhuinn.”

San fhiosrachadh airson a’ cho-chomhairleachaidh, gheibhear eisimpleirean de mar a chuidich freagairtean a fhuaras roimhe le bhith a’ toirt atharrachadh air obair na Comhairle, agus gheibhear cuideachd ceistean a thaobh dè na seirbheisean air am bu chòir prìomhachas a chur agus gheibhear fiosrachadh air cuid de na dòighean san gabhadh airgead a shàbhaladh math dh’fhaodte.

Tha ceistean ann cuideachd a thaobh mar a dh’fhaodas a’ Chomhairle agus muinntir na sgìre a bhith ag obair còmhla san fharsaingeachd a chum maith nan coimhearsnachdan ann an Earra-Ghàidheal is Bòd.

Gheibhear am fiosrachadh air-loidhne aig www.argyll-bute.gov.uk/planningourfuture2017 agus bidh an co-chomhairleachadh fosgailte gu 2 Faoilleach 2018.

Gheibhear lethbhric phàipeir ann an ionadan-seirbheis na Comhairle.

https://www.argyll-bute.gov.uk/news/2017/nov/challenge-choice-and-change...