Tha còig pròiseactan Gàidhlig air taic-airgid a ghleidheadh tro phròiseact le buidseat com-pàirteach

Published Date: 

12 May 2017 - 14:57

Chaidh maoineachadh, a fhuaras bho Riaghaltas na h-Alba gus Gàidhlig a neartachadh is a thoirt air adhart ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, a thoirt seachad a rèir mar a bhòt daoine bhon choimhearsnachd mar phàirt de phròiseact deuchainne le buidseat com-pàirteach a chuir a’ Chomhairle air dòigh.

Chuir 14 pròiseactan a-steach airson a’ mhaoineachaidh agus fhuair na còig pròiseactan a fhuair a’ chuid as motha de na bhòtaichean taic-airgid:

•           Deireadh-seachdain Gàidhlig Dhàl Riata ann an Achadh an Droighinn

•           Taic do leabharlannan sgoile

•           Acadamaidh a’ Mhòid san Òban

•           Air Ghleus - A’ cur cànan, ceòl is cultar na Gàidhlig air adhart

•           Sgrùdadh iomchaidheachdairson sgoil Ghàidhlig fa leth san Òban.

Chaidh am maoineachadh a riarachadh le bhith cleachdadh siostam bhòtaidh air-loidhne. Bhòt 889 daoine agus roghnaich iad mar a bha iad a’ smaoineachadh a bu chòir an £15,000 a bhith air a chosg.

Thuirt Cleland Sneddon, Àrd-oifigear Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid:

“Tha sinn air buidseat com-pàirteach fheuchainn mar dhòigh ùr gus am feum as fheàrr a dhèanamh den mhaoineachadh againn sna coimhearsnachdan againn agus nochd am mòr-shluagh ùidh mhòr sa mhodh-obrach ùr seo. Bu mhath leinn taing a thoirt don a h-uile duine a ghabh pàirt ann agus faodaidh sinn ionnsachadh bhon phròiseas seo agus faicinn an gabh a chleachdadh le maoineachadh eile san ùine air thoiseach.”

Fhuair am pròiseact deuchainne seo le Buidseat Com-pàirteach taic bho Riaghaltas na h-Alba, agus chaidh am pròiseact a chur air dòigh airson fhaicinn am faigheadh barrachd dhaoine bho raon nas fharsainge de sgìre na Comhairle cothrom pàirt a ghabhail ann an co-dhùnaidhean a thaobh maoineachaidh nam biodh cothrom aca bhòtadh air-loidhne.

Thathar a’ dèanamh measadh air cho soirbheachail  ’s a bha am pròiseact an-dràsta.