Ag ullachadh airson a’ bhuinn ùir luach £1 a bhios ri fhaotainn an-diugh

exclamation icon
This page contains archived news material that may no longer be accurate. Please bear this in mind when referring to this page or using any information on it to access council services. Read our current news.

Published Date: 

29 Mar 2017 - 15:22

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air a bhith ag ullachadh airson a’ bhuinn ùir luach £1 a bhios ri fhaotainn an-diugh (28 Màrt).

Tha Roinn Ionmhais na Banrigh agus An Taigh-cùinnidh Rìoghail a’ toirt a-mach bonn ùr airson £1 le 12 taobh gus nach bi e cho furasta do dh’fheall-chùinneadairean lethbhric a dhèanamh dheth.

Bidh na seann bhuinn luach £1 a th’ ann an-dràsta fhathast laghail gu meadhan-oidhche air 15 Dàmhair. 

Tha a’ Chomhairle air grunn innealan-parcaidh ùra a chur ann mu thràth air feadh na sgìre a ghabhas am bonn ùr, agus tha iad an dùil an còrr dhiubh ùrachadh ro 15 Dàmhair.  Tha buinn-chomharra rim faighinn ann an ionadan chur-seachadan airson preasaichean-tèarainte  a ghabhas bonn.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun bhonn ùr bho www.thenewpoundcoin.com

https://www.argyll-bute.gov.uk/news/2017/mar/preparing-new-%C2%A31-coin-circulation-today