Inns dhuinn mu ghaisgich spòrs a tha airidh air duais

Published Date: 

11 Jul 2017 - 16:32

THA cothrom ann dhuibh na gaisgich spòrs agaibh a mholadh airson Duaisean Spòrs Earra-Ghàidheal is Bhòid 2017.

Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ sireadh mholaidhean airson nan duaisean seo, a tha a’ dèanamh gàirdeachas ri agus a’ toirt aithne do na tha lùth-chleasaichean, oidean-spòrs agus luchd-obrach saor-thoileach a’ coileanadh an lùib spòrs.

Tha seachd seòrsaichean duaise ann, a tha air an toirt seachad ann an com-pàirt ri sportscotland.

Gabhar ri molaidhean eadar Diluain 19 Ògmhios agus Dihaoine 25 Lùnastal 2017.

’S iad na duaisean:

  • Inbheach a tha na (h-)Oide-spòrs Òigridh – airson oide-spòrs a tha air sàr obair a dhèanamh ann a bhith ag ionnsachadh spòrs do dhaoine òga fo 18 no ann a bhith a’ toirt spòrs air adhart aig an ìre sin.
  • Oide-spòrs Òg – a’ toirt aithne don obair a nì oide-spòrs òg airson spòrs ann an sgoiltean no le club coimhearsnachd. Fosgailte do luchd-obrach saor-thoileach aois 12 gu 25 a tha air dealas nach beag a nochdadh thar na bliadhna a dh’fhalbh.
  • Gaisgeach Òg aig Ìre na Bun-sgoile – a’ toirt aithne don obair a nithear an lùib chlubaichean spòrs ann am bun-sgoiltean. Fosgailte do luchd-obrach saor-thoileach a bha nan sgoilearan bun-sgoile sa bhliadhna sgoile 2016/17.
  • Oide-spòrs Coimhearsnachd – airson oide-spòrs a tha air taic a thoirt do mar a tha lùth-chleasaichean no sgiobaidhean air tighinn air adhart no air soirbheachadh agus a tha air leasachadh no leudachadh nach beag a thoirt air na cothroman a th’ ann air spòrs.
  • Club na Bliadhna – don chlub a tha air adhartas mòr a dhèanamh no a tha air tòrr a choileanadh a thaobh a bhith leasachadh spòrs aig ìre na coimhearsnachd.
  • Sàr Ghaisgeach Spòrs – a’ toirt aithne do shàr obair no soirbheachadh an lùib spòrs ann an Earra-Ghàidheal is Bòd thar ùine fhada: do neach a tha air dealas mòr a nochdadh airson spòrs agus a tha air buaidh fhollaiseach a thoirt air daoine fa leth agus anns a’ choimhearsnachd san fharsaingeachd a thaobh spòrs.
  • Soirbheachas ann an Spòrs – airson sgioba no neach-spòrs a tha air soirbheachadh gu mòr san spòrs aca agus iad a’ farpais.

Thuirt Ceann-Poileasaidh na Comhairle airson Choimhearsnachdan, an Comhairliche Robin MacMhuirich: “Tha ceudan de dh’oidean-spòrs is luchd-obrach saor-thoileach spòrs againn ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, agus ceudan de lùth-chleasaichean; agus tha iad uile a’ cosg na h-ùine aca gun mòran aithne no iomraidh ga dhèanamh orra gu poblach agus iad a’ dèanamh obair phrìseil an lùib spòrs agus chur-seachadan san sgìre.

“Tha an t-àm ann a-nis aithne cheart a thoirt don obair sin.

“B’ fhìor thoigh leinn moladh a dhèanamh air an dealas agus dìoghras a tha iad air nochdadh agus air mar a tha daoine air soirbheachadh.

“Dèanaibh cinnteach gun tèid urram ceart a shealltainn do na gaisgich spòrs ionadail agaibh le bhith gam moladh airson duais.”

Faodar molaidhean a chur a-steach le bhith lìonadh foirm a-steach aig www.argyll-bute.gov.uk/sportsawards

Thèid an fheadhainn a bhuannaicheas an ainmeachadh air Dihaoine 8 Sultain. Thèid na duaisean a thoirt don fheadhainn a bhuannaicheas aig na clubaichean aca fhèin.

Thèid na seachd sgiobaidhean no daoine a ghlèidheas duais a chur air adhart gu na duaisean nàiseanta airson 2017 aig sportscotland.