A’ Chomhairle a’ sireadh luchd-obrach saor-thoileach

Published Date: 

11 Jul 2017 - 16:31

Tha Seirbheisean Òigridh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ sireadh luchd-obrach saor-thoileach a chuidicheas le Sgeama Dhuaisean DiùcDhùn Èideann.

Tha an sgeama fosgailte do dhuine sam bith aois 14 gu 24, agus tha e a’ cuideachadh dhaoine òga gus am bi iad a’togail nan sgilean a bhios a dhìth orra nam beatha agus nan obair. Airson tòrr dhaoine, tha na dh’fhiosraicheas iad a’ toirt cruth-atharrachadh air am beatha.

Thuirt Ceann-Poileasaidh na Comhairle airson Foghlaim agus Ionnsachadh Fad-beatha, an Comhairliche Yvonne Mcneilly, agus i a’ guidhe air daoine a dhol an sàs san sgeama: “Tha Sgeama Dhuaisean Diùc Dhùn Èideann na mheadhan sgoinneil air daoine òga a bhith dèanamh rudan air an ceann fhèin agus a bhith ag ionnsachadh sgilean ùra, agus tha sinn ag iarraidh gun dèan an àireamh as motha as urrainnear de dhaoine òga feum den chothrom seo.

“Ge-tà, gus an cothrom sin a thoirt dhaibh tha luchd-obrach saor-thoileach a dhìth oirnn. Tha luchd-obrach saor-thoileach a dhìth a mhisnicheas daoine òga gu bhith gabhail pàirt san sgeama, agus a bhrosnaicheas iad gu bhith cur crìoch air a’ phrògram agus gu bhith ruighinn air na cinn-uidhe phearsanta aca fhèin an lùib a’ phrògraim.

“Faodaidh daoine diofar sheòrsaichean obrach a dhèanamh gu saor-thoileach. Leithid a bhith a’ cuideachadh le obair rianachd, a’ teagasg sgilean ùra don òigridh, a’ cuideachadh dhaoine òga le bhith togail airgead airson adhbharan carthannais, a’ ruith club às dèidh na sgoile agus mar sin air adhart.

“Chan fheum teisteanasan sònraichte a bhith agaibh airson a bhith ag obair mar neach-obrach saor-thoileach do Sgeama Dhuaisean Diùc Dhùn Èideann, agus bidh fios agaibh gu bheil sibh a’ dol an sàs ann an obair glè fheumail fhad ’s a tha sibh a’ cuideachadh dhaoine òga sa choimhearsnachd agaibh fhèin.

“Ma bheir sibh seachad dìreach beagan den ùine agaibh fhèin, nì sin diofar mòr ann am beatha dhaoine òga. Chan e sin a-mhàin, ach cuideachd tron sgeama seo, thèid sgilean stiùiridh an luchd-obrach shaor-thoilich a leasachadh, ruigidh iad air cinn-uidhe phearsanta agus ionnsaichidh iad mu mar a lìbhrigeas iad diofar chur-seachadan.”Airson tuilleadh fiosrachaidh, no ma tha sibh airson obair shaor-thoileach a dhèanamh san sgìre agaibh, cuiribh fios gu Oifigear Sgeama Dhuaisean Diùc Dhùn Èideann na Comhairle, Brian Mac a’ Ghobhainn, aig: brian.smith@argyll-bute.gov.uk no air 01631 567833.