Fiosrachadh ùr mu mar a thèid stòrais a chur fo shealbh choimhearsnachdan ri fhaotainn air làrach-lìn Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

exclamation icon
This page contains archived news material that may no longer be accurate. Please bear this in mind when referring to this page or using any information on it to access council services. Read our current news.

Published Date: 

8 Feb 2017 - 10:23

Tha earrainn fa leth air làrach-lìn Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid far am faigh sibh fiosrachadh feumail air na dòighean san gabh stòrais a chur fo shealbh na coimhearsnachd. Gheibh sibh sin aig: https://www.argyll-bute.gov.uk/asset-transfer Cuideachd, tha tachartas gu bhith ann an Talla nan Trì Bailtean san Àrchar air Disathairne 11 Màrt, air a chumail le Com-pàirteachas Planaidh Coimhearsnachd Earra-Ghàidheal is Bhòid, far am bithear a’ brosnachadh barrachd cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan. Am measg an luchd-labhairt a bhios aig an tachartas, bidh daoine ann bho Ionad Leasachadh Choimhearsnachdan na h-Alba, an t-Seirbheis Taice airson Sealbh Choimhearsnachdan, Fearann Coimhearsnachd na h-Alba agus an Comann Deamocratach agus iad a’ bruidhinn air diofar dhòighean san urrainn cumhachd a bhith aig coimhearsnachdan. Thuirt an Ceann-Poileasaidh airson Choimhearsnachdan is Cultair, an Comhairliche Robin MacMhuirich: “Tha na duilleagan-lìn ùra seo nan goireas sgoinneil do bhuidhnean coimhearsnachd a tha ag iarraidh tuilleadh ionnsachadh mu na dòighean san urrainn dhaibh sealbh fhaighinn air stòrais. “Tha na duilleagan a’ toirt comhairle, taic agus fiosrachadh feumail a thaobh conaltraidh do bhuidhnean coimhearsnachd a tha airson feum a dhèanamh de na modhan-obrach ùra gus sealbh fhaighinn air stòrais, modhan-obrach a chaidh a stèidheachadh san Achd airson Cumhachd do Choimhearsnachdan (Alba). Thathar a’ cur ris na duilleagan seo fhathast – mura faigh sibh lorg air an fhiosrachadh a tha sibh a’ coimhead air a shon, feuch gun cuir sibh fios gu Sgioba nan Iomairtean Sòisealta againn air 01700 501370 no aig asset-transfer@argyll-bute.gov.uk “Mura d’ fhuair sibh cuireadh chun an tachartais a tha brosnachadh barrachd cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan air 11 Màrt agus ma tha sibh airson a dhol ann, feuch gun clàraich sibh aig https://www.eventbrite.co.uk” New community asset transfer information on Argyll and Bute Council’s website Argyll and Bute Council has a dedicated section on its website where you can find helpful information on the community asset transfer process. You can find this at: https://www.argyll-bute.gov.uk/asset-transfer There is also a community empowerment event on Saturday 11th March at the Three Villages Hall in Arrochar, hosted by Argyll and Bute’s Community Planning Partnership. The event will see speakers from the Scottish Community Development Centre, the Community Ownership Support Service, Community Land Scotland and the Democratic Society giving presentations on aspects of community empowerment. Councillor Robin Currie, Policy Lead for Community and Culture, said: “These new web pages are a fantastic resource for community groups who want to learn more about the new asset transfer process. “The pages provide advice, support and key contact details for community groups looking to use the new asset transfer framework created by the Community Empowerment (Scotland) Act. They are still being added to – if you can’t find what you are looking for please don’t hesitate to contact our Social Enterprise Team on 01700 501370 or email asset-transfer@argyll-bute.gov.uk