Published Date:
1 Aug 2017 - 10:28
Thathar a’ toirt rabhadh do dhaoine mu phost-d air a bheil coltas math dh’fhaodte gun tàinig e bhon Chomhairle, agus e ag iarraidh air daoine freagairt a thilleadh le fiosrachadh gus am faigh iad airgead air ais bhon HMRC, ’s e brath foilleil a th’ ann.
Canar “brathan meallta” ri brathan den t-seòrsa seo. Ma gheibh sibh post-d le seòladh sa bheil sreath tuaireamach de dh’àireamhan is litrichean agus an seòladh argyll-bute às dèidh an t-samhla @, cuiribh às don bhrath.
Ma tha teagamh sam bith agaibh, cuiribh fòn gu 01546 605511.
https://www.argyll-bute.gov.uk/news/2017/jul/be-aware-spoof-hmrc-email