Rabhadh mu luchd-sgrùdaidh meallta airson acfhainn cluiche

exclamation icon
This page contains archived news material that may no longer be accurate. Please bear this in mind when referring to this page or using any information on it to access council services. Read our current news.

Published Date: 

1 Aug 2017 - 10:56

THATHAR ag iarraidh air gnothachasan ionadail aire a thoirt do dhaoine brèige a dh’fhaodadh a bhith cumail a-mach gur e luchd-sgrùdaidh dligheach a th’ annta airson acfhainn cluiche a bhios ga lìonadh le èadhar.

Tha sgioba Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid airson Slàinte san Àrainneachd air rabhadh a thoirt seachad do dhaoine aig a bheil no a tha ag obair le acfhainn, leithid chaistealan bocadaich, agus iad ag iarraidh orra dèanamh cinnteach gun tèid sgrùdadh ceart a dhèanamh air le neach-sgrùdaidh le teisteanas iomchaidh.

Tha seo a’ tighinn às dèidh do Roinn-gnìomha na Slàinte is Sàbhailteachd (HSE) rabhadh a thoirt seachad mu neach air an deach casg a chur agus e air a bhith cur an ìre gur e neach-sgrùdaidh clàraichte a bh’ ann.

Thuirt Ceann-Poileasaidh na Comhairle airson Seirbheisean Planaidh is Riaghlaidh, an Comhairliche Daibhidh Kinniburgh: “Bidh tòrr cloinne a’ cluich air caistealan bocadaich is sleamhnagan thairis air làithean-saora an t-samhraidh, aig fèilltean no tachartasan ionadail.

“Tha sinn airson gum bi a h-uile duine sàbhailte fhad ’s a tha iad a’ cluich agus mar sin tha e cudromach gun dèan daoine aig a bheil an leithid de dh’acfhainn cinnteach gu bheil i sàbhailte.

“Bu chòir fios a bhith aig duine sam bith, a tha ceannach no ag obair le acfhainn den t-seòrsa seo air adhbharan coimeirsealta, gu bheil uallach orra a cumail suas gu ceart agus gum feum neach le teisteanas iomchaidh sgrùdadh a dhèanamh oirre co-dhiù uair sa bhliadhna.

“Tha luchd-sgrùdaidh dligheach air an clàradh le PIPA, sgeama sgrùdaidh a stèidhich gnìomhachas na h-acfhainne cluiche èadhair gus dèanamh cinnteach gu bheil an acfhainn freagarrach a rèir inbhean aithnichte a tha faighinn taic bhon HSE.”

Chithear liosta de luchd-sgrùdaidh clàraichte aig www.pipa.org.uk

Tha an HSE air rabhadh a sgaoileadh gu nàiseanta do dhaoine a tha sireadh neach-sgrùdaidh mu neach leis an ainm Peter Morrell, a tha cuideachd a’ cleachdadh nan ainmean Mgr Coltilda agus Peter Edward McCormack, a chaidh a chasg leis an HSE bho bhith dèanamh sgrùdaidhean.

https://www.argyll-bute.gov.uk/news/2017/jul/warning-over-fake-play-equipment-inspectors