Published Date:
Ma tha thu eadar 16 is 24 bliadhna a dh’aois, tha cothrom air leth againn dhut air obair.
Tha Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a’ sireadh nuadh-phreantasan – cothrom sgoinneil do dhaoine òga gus sgilean ùra ionnsachadh a nì feum dhaibh sna dreuchdan a bhios aca nam beatha.
Thathar a’ sanasachd diofar dhreuchdan an-diugh (Dihaoine 11 Lùnastal), eadar margaidheachd dhidseatach agus TF, gnothachas agus rianachd, obair òigridh agus prògraman didseatach.
Tha cothroman ann ann an Dùn Omhain agus Ceann Loch Gilb.
Thuirt an Ceann-Poileasaidh airson Sheirbheisean Corporra, an Comhairliche Rory Colville: “Feuch gun smaoinich thu air cur a-steach airson sgeama nan nuadh-phreantasachdan againn.
“Bheir e cothrom dhut ’s dòcha air dreuchd làn-ùine aig a’ Chomhairle no còmhla ri fastaiche eile ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, thoradh gheibh thu eòlas prìseil, sgilean ùra agus teisteanas feumail.
“Bho thòisich an sgeama ann an 2014 tha sinn air cha mhòr 40 neach òg oideachadh agus na sgilean a thoirt dhaibh a tha dhìth orra gus soirbheachadh ann an diofar obraichean.
“A-mach às na daoine sin, tha 83 às a’ cheud dhiubh air roghnachadh obair don Chomhairle; tha an fheadhainn eile air obraichean fhaighinn san roinn phrìobhaidich.
“Ma nì thu preantasachd, bheir e roghainnean is cothroman dhut – cothrom ’s dòcha togail ort agus an saoghal mòr fhaicinn.
“Tha caochladh dhiofar dhreuchdan ann, ann an àiteachan eadar-dhealaichte, agus gheibh thu trèanadh fìor mhath anns gach dreuchd.
“Tha a’ Chomhairle air aon de na fastaichean ionadail as motha agus tha sinn ag amas air a h-uile cothrom as urrainn dhuinn a thoirt do dhaoine òga a bhith ag obair is a’ fuireach ann an Earra-Ghàidheal is Bòd agus iad a’ cur ri tarraing is leas na sgìre. Tha sinn ag àrach ar luchd-dreuchd fhìn, a bhios gu buannachd a h-uile duine againn.
“Tha fios agam gu bheil tòrr dhaoine òga tàlantach is dìcheallach san sgìre againn – bheir sinn cothrom dhut soirbheachadh.”
Ghlèidh neach a bha na nuadh-phreantas aig a’ Chomhairle roimhe, Steven Simpson à Dùn Omhain, an duais Preantas na Bliadhna ann an 2016 bho Chaidreachas Trèanaidh na h-Alba. Cuideachd, bha preantas eile againn, Chris Cupples à Ceann Loch Gilb am measg nan triùir a bha air a’ gheàrr-liosta.
Thuirt Steven: “Tha an nuadh-phreantasachd air mo chuideachadh gu mòr agus thug e cothrom dhomh air tòrr eòlais obrach phrìseil a chosnadh agus thug e grunn chothroman ionnsachaidh dhomh.”
Tha Steven a-nis ag obair an lùib TF agus tha e a’ dèanamh preantasachd airson luchd-ceuma, agus e ag obair gus ceum a thoirt a-mach tro ionnsachadh air-astar fhad ’s a tha e ag obair don Chomhairle. ’S e esan a’ chiad phreantas-ceuma againn.
Chithear sanasan airson nuadh-phreantasachdan air www.myjobscotland.gov.uk agus gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu sgeama na Comhairle air www.argyll-bute.gov.uk/modern-apprenticeships
Faodaidh tu post-d a chur thugainn cuideachd airson tuilleadh fiosrachaidh gu growingourown@argyll-bute.gov.uk.
Tha sgeama nan nuadh-phreantasachdan mar phàirt den phrògram aig a’ Chomhairle, ‘Ag Àrach ar Luchd-obrach Fhìn’, a tha ag amas air luchd-obrach a thàladh chun na sgìre is a ghleidheadh. Tha e ag amas air cothroman a chruthachadh do dhaoine òga agus am measg nan diofar iomairtean tha: preantasachdan, greisean gnìomhachais agus cothroman trèanaidh do luchd-ceuma, agus taic do luchd-obrach feuch an coilean iad na tha iad comasach air chun na h-ìre as motha as urrainn dhaibh.
For the English translation, please visit: https://www.argyll-bute.gov.uk/news/2017/aug/cowal-and-aged-16-24-come-work-council