Buill shaor-thoileach a dhìth airson Pannal an Taigh-tasgaidh

exclamation icon
This page contains archived news material that may no longer be accurate. Please bear this in mind when referring to this page or using any information on it to access council services. Read our current news.

Published Date: 

30 Aug 2017 - 14:28

Thathar a’ sireadh dhaoine le ùidh sna h-ealain a tha deònach a bhith nam Buill de Phannal Dealbhachaidh a bhios a’ cuideachadh le bhith a’ planadh airson leasachaidhean ùra air an taigh-tasgaidh a-muigh ann am Baile Eilidh a tha air duaisean a ghleidheadh.

San taigh-tasgaidh, a tha suidhichte ann an Ceàrnag Mhic a’ Chombaich sa bhaile, chithear taisbeanadh le nithean aig a bheil ceangal ris an sgìre ionadail agus a tha cudromach gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta.

A bharrachd air buill den phoball, bidh riochdairean bhon Chomhairle, comhairlean coimhearsnachd agus buidhnean ealain ionadail air a’ Phannal agus bidh iad a’ coinneachadh gu cunbhalach gus coimhead air molaidhean is iarrtasan airson maoineachaidh; stiùir a chumail air mar a thèid na bun-cholbhan is obair ealain a chur an sàs; agus gus molaidhean a dhèanamh do Chomataidh Sgìreil Bhaile Eilidh is Laomainn a thaobh Ro-innleachd nan Ealain a thathar a’ dealbh.

Tha an Taigh-tasgaidh a’ còrdadh ri muinntir a’ bhaile, ri luchd-tadhail agus tha buidhnean ealain is dualchais air moladh a dhèanamh air. Tha an t-ath-nuadhachadh a rinn a’ Chomhairle air meadhan Bhaile Eilidh air Duais Dealbhachaidh Albannach a chosnadh agus chaidh an obair ainmeachadh airson grunn gheàrr-liostaichean airson duaisean eile. 

Chaidh crìoch a chur air a’ phròiseact lèirsinneach seo ann an 2015, agus chaidh a thoirt air adhart gus piseach a thoirt air an eaconamaidh agus gus am biodh am baile nas tarraingiche do luchd-tadhail tro bhith a’ sgeadachadh àiteachan poblach agus tro bhith dèanamh feum dhiubh ann an dòighean sùbailte. Cuideachd, faodaidh an raon poblach seo taic a chumail ri tachartasan coimhearsnachd, fèisean agus margaidhean.

Gu ruige seo tha 15 bun-cholbhan ann le obair ealain is teacsa mar phàirt dhiubh agus còd QR a tha gan ceangal ri làrach-lìn an Taigh-tasgaidh A-muigh.

Bu chòir do neach sam bith a tha airson cuideachadh leis an iomairt inntinneach seo fios a chur guprojects.east@argyll-bute.gov.uk.

 

For the English version please see: https://www.argyll-bute.gov.uk/news/2017/aug/volunteers-sought-helenburgh%E2%80%99s-outdoor-museum-design-panel